Gàradh-ola Chiseoirn
Media playback is unsupported on your device
Video

Leasachadh Chiseoirn

Chuala na bha an làthair aig là fosgailte ann an Talla Loch Carrann Diciadain gum faodadh planaichean airson seann ghàradh-ola Chiseoirn ath-bheothachadh, suas ri 2,500 cosnadh a chruthachadh.

Tha a' chompanaidh Port Chiseoirn Eta airson an làrach a chleachdadh airson gnìomhachasan cumhachd ath-nuadhachail aig muir a fhrithealadh.

Bhruidhinn Padruig MacAmhlaigh ri Ina NicCoinnich a bha ag obair aig Ciseorn nuair a bha e na gharadh-ola.