Stiùidio
Media playback is unsupported on your device
Video

Naidheachdan 11:00m

Prìs a' Ghas

Tha a' bhuidheann Cenrtica, dham buin British Gas agus Scottish Gas, a' gearradh 5% far prìs a' ghas aca. Thig sin gu buil air an 27mh là den ath-mhìos, agus tha Centrica ag ràdh gun toir e, sa chumantas, mu £37 far chunntas bliadhnail airson gas dachaigh. Dh'innis E.on an t-eachdain seo chaidh gu bheil iadsan a' gearradh 3% far chosgais a' ghas acasan.

Muslamaich

Tha ceannardan Muslamach a' càineadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, airson litir a dh'iarr air mosgaichean iad fhèin a dhearbhadh nam pàirt de dh'aithne Bhreatainn. Thuirt Rùnaire nan Coimhearsnachdan, Eric Pickles, anns an litir, gu bheil e moiteil às an dòigh anns an do dhèilig Muslamaich ann am Breatainn ris a' cheannairc ann am Paras, ach gu bheil mòran ri dhèanamh fhathast. Thuirt Comhairle Mhuslamach Bhreatainn gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil Mgr Pickles, coltach ris an fhìor-làimh dheis, ag ràdh gu bheil Muslamich agus Ioslam eadar-dhealaichte bhon chòrr de Bhreatainn.

Ceannarc

Tha ministearan cèine na h-Eòrpa a' coinneachadh sa Bhruiseil an-dràsta a dheasbad cunnart bho cheannairc an dèidh nan ionnsaighean ann am Paras an t-seachdain seo chaidh. Tha iad a' bhruidhinn, am measg rudan eile, air cunnart bho Eòrpaich a tha a' tilleadh dhachaigh an dèidh a dhol gu sabaid Jihad ann an Iorac agus Siria.

Tubaist-rathaid an Siorrachd Inbhir Àir

Tha poilis ann an Siorrachd Àir ag iarraidh fiosrachaidh mu thubaist anns an deach dithis a mharbhadh. Bha am fireannach agus boireannach ann an càr Rover a bhuail ann am bhana air rathad an A70 faisg air Coylton tràth sa mhadainn an-dè. Tha dràibhear a' bhana anns an ospadal ann an Inbhir Àir.

Tubaist-rathaid ann an Àird nan Saor

'S tha poilis a' dèiligeadh ri tubaist air an Àrd-Shràid ann an Àird nan Saor an-dràsta. Tha an t-sràid dùinte, agus tha poilis ag iarraidh air daoine an sgìre sin a sheachnadh.

Càball a' Chuain Sgìth

Tha Comhairle nan Eilean Siar den bheachd gu bheil adhartas ann a-niste gu ruige càball dealain eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr. An dèidh coinneamhan air an deireadh-sheachdain eadar riochdairean na Comhairle, luchd-leasachaidh, Riaghaltas na h-Alba, agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil dòchas ann gu bheil iad a' dèiligeadh ri dà chnap-starra a bha a' cur maill air a' phròiseact.

  • 19 Jan 2015