Stiùidio
Media playback is unsupported on your device
Video

Naidheachdan 11:00m

Dàibhidh Camshron

Tha Dàibhidh Camshron os cionn coinneimh a' chaibineit airson an turais mu dheireadh an-diugh mus gabh Theresa May àite mar phrìomhaire a-màireach. Tha luchd-taic Theresa May a' diùltadh iarrtais airson taghaidh choitchinn thràth, agus iad ag ràdh gu bheil referendum na mìos a chaidh a' toirt an ùghdarrais dhi Breatainn a stiùireadh air a slighe a-mach às an Aonadh Eòrpach.

Alba

Canaidh ceannard nan Tòraidhean an Alba, Ruth Davidson, aig òraid ann an Lunnainn an-diugh nach eil adhbhar sam bith ann an dàrna referendum a chumail air neo-eisimeileachd do dh'Alba. Iarraidh Ms Davidson air an SNP nàiseantachd a chur an dara taobh agus prìomh àite a thoirt do chor na h-Alba. Thuirt an SNP gur e àite Alba anns an Aonadh Eòrpach a ghlèidheadh an rud as cudromaiche dhaibhsan.

Na Làbaraich

Tha àrd-chomataidh nàiseanta a' Phàrtaidh Làbaraich a' beachdachadh an-diugh air an ath-cheum ann an taghadh a' cheannaird, agus am feum an ceannard a th' ann, Jeremy Corbyn, taic àireimh shònraichte de Bhuill-Phàrlamaid fhaighinn airson seasamh an aghaidh Angela Eagle. Tha aithrisean ann an-diugh air tagradh laghail mura bi ainm Mhgr Chorbyn air a' phàipear bhaileat anns a' chiad dol-a-mach.

Loch nam Madadh

Tha duine gu math ìosal san ospadal ann an Glaschu an dèidh tubaist-rathaid ann an Uibhist a Tuath an-raoir. Cha robh sa chàr a chaidh far an rathaid faisg air Loch nam Madadh ach an dràibhear. Tha poilis airson cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair aig àm na tubaiste, mu 9:30f an-raoir.

Iorac

Chaill naoinear am beatha, 's chaid còrr is 30 duine a leòn le boma ann an càr ann am prìomh bhaile Iorac, Baghdad. Chaidh am boma fhàgail aig margaidh ann an sgìre den bhaile far a bheil sluagh Shia anns a' mòr-chuid.

Gunnaichean nam Poilis

Tha fear de Buill-Phàrlamaid na Gàidhealtachd ag iarraidh deasbaid phoblaich às ùr air cuin a tha e freagarrach do phoilis gunnaichean a bhith aca. Bha Iain Blackford, Ball Rois, an Eilein Sgitheanaich, agus Loch Abair, a' bruidhinn an dèidh aithrisean air ceathrar oifigearan poilis le gunnaichean a bhith a' gabhail breacaist ann an cafaidh Tesco ann an Inbhir Pheofharain.

Na Brainich

Bheir teaghlach Astràilianach a tha ag iarraidh fuireach air a' Ghàidhealtachd fianais do Chomataidh Chùisean na Dùthcha aig Westminster an-diugh. Tha Kathryn agus Greg Brain, 's am mac Lachlann, air a bhith a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain fad còig bliadhna. Tha Oifis na Dùthcha am beachd an cur air ais a dh'Astràilia, ach tha iad a' strì an aghaidh sin le taic Riaghaltas na h-Alba.