Scotland

Bileagan on dà riaghaltas

Bileagan an Riaghaltais Albannaich agus Riaghaltas na RA.
Image caption Thèid na bileagan a chur tro dhorsan gach dachaigh an Alba.

Tha gach cuid Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air bileagan fhoillseachadh, a' cur air adhart an cuid argamaidean ann an deasbad na neo-eisimeileachd.

Chaidh na bileagan fhoillseachadh an dèidh do dh'iomadh iarrtas nochdadh bhon phoball airson tuilleadh fiosrachaidh bhon dà thaobh san deasbad.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun dèan bileag Riaghaltas na h-Alba "fiù 's nas fhasa e grèim fhaighinn air na prìomh phuingean gu luath."

Thuirt Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, gun cuidicheadh bileag Riaghaltas Bhreatainn le daoine "co-dhùnadh fiosraichte" a dhèanamh.

Thig an dà bhileag tro dhorsan dhaoine san t-seachdain a tha romhainn, agus an dà thaobh a' cur air adhart an cuid argamaidean le nas lugha na 50 là ri dhol chun na bhòta.

Thuirt Mgr MacIlleMhìcheil gun toireadh a' bhileag "fiosrachadh creideasach, earbsach" do dhaoine, gan cuideachadh le bhith a' dèanamh an co-dhùnaidh. Tha e cuideachd ri fhaotainn air-loidhne, ann an clò nas motha, air clàr-fuaime, agus ann an dall-sgrìobhadh.

Chosg a' bhileag mu £300,000, agus tha e a' mìneachadh nam buannachdan a tha Riaghaltas na RA a' faicinn san Aonadh do dh'Alba, nam measg a bhith a' glèidheadh an Not, taic leantainneach do sheirbheisean poblach, agus tuilleadh chumhachdan fèin-riaghlaidh do dh'Alba.

"Chan eil ach seachdainnean eadar sinn agus an co-dhùnadh as cudromaiche a nì sinn a chaoidh mar dhùthaich. Sheasadh co-dhùnadh a bhith a' fàgail na RA gu bràth, agus chan fhaodar atharrachadh. Feumaidh sinn a bhith cinnteach às," thuirt Mgr MacIlleMhìcheil.

"Feumaidh am fiosrachadh a bhith aig muinntir na h-Alba mus bhòt iad air an 18mh là den t-Sultain.

"Leis gach seachdain a thèid seachad, 's ann nas soilleire a dh'fhàsas e nach do smaoinich Riaghaltas na h-Alba tron chùis gu ceart. Tha iad air an dalladh le an dealas airson neo-eisimeileachd. Chan eil plana aca a thaobh airgid, chan eil plana aca a thaobh pheinnseanan, agus chan eil beachd aca air na chosgas e."

Cuiridh bileag an Riaghaltais Albannaich - Brìgh na Neo-eisimeileachd - argamaid air adhart gun toir neo-eisimeileachd tèarainnteachd ionmhasail do theaghlaichean, a thuilleadh air cothroman obrach ùra a chruthachadh.

Gheibh muinntir nan sgìrean eileanach an dreach fhèin den bhileag, sa Bheurla agus sa Ghàidhlig, le prosbaig air mar a gheibheadh iad "cumhachdan a bharrachd bho chothroman na neo-eisimeileachd".

Tha a' bhileag ri fhaotainn ann an 15 cànanan, a thuilleadh air na dreachan eile, a bhios rim faotainn air làraich-lìn an Riaghaltais Albannaich.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun cosg na bileagan acasan £550,000.

"Tha e fìor-èiseil gum bi gach duine an Alba cho fiosraichte 's a ghabhas, 's gu bheil tuigse soilleir aca air na cothroman a bhiodh aca a' bheatha aca atharrachadh le neo-eisimeileachd," thuirt Ms Sturgeon.

"Tha an sluagh, na sgilean 's na goireasan aig Alba a tha a dhìth air dùthaich làidir neo-eisimeileach, agus mìnichidh a' bhileag seo mar a thogas sinn air sin.

"Tha e riatanach gum bi cothrom aig a h-uile neach-bhòtaidh co-dhùnadh fiosraichte a dhèanamh air an 18mh là den t-Sultain, agus cuidichidh a' bhileag seo le sin."