Highlands & Islands

Prìosanach a theich a-nis air ais an grèim

Chaidh prìosanach a theich tro uinneig an taighe-chùirtich o chionn cola-deug, air ais an grèim.

Bha Mìcheal Davidson ann an cùram na companaidh tèarainnteachd G4S, nuair a chaidh aige air teicheadh à Cùirt an t-Siorraidh ann am Baile Dhùthaich.

Tha Davidson, a tha 27, agus a bhuinneas do dh'Inbhir Ghòrdain, fo chasaid gun do dh'fheuch e ri bacadh a chur air ceartas, agus dràibheadh gun chùram.

Thuirt Poilis a' Chinn a Tuath gun deach a chur an grèim aig taigh ann an Alanais mu 04:30m Diciadain.

Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Related Internet links

The BBC is not responsible for the content of external Internet sites