Highlands & Islands

Curfiù Inbhir Nis ga thoirt gu crìch

Fear is pinnt na làimh
Image caption Chaidh an curfiù a chur an sàs ann an 2003.

Thèid cur às don riaghailt a tha a' casg dhaoine bho bhith a' dol a-steach gu taighean-seinnse agus clubaichean air Ghàidhealtachd às dèidh meadhan oidhche.

Tha an riaghailt, a tha a' toirt buaidh air taighean-ceadaichte ann an Inbhir Nis, san Aghaidh Mhòir, agus ann an Inbhir Theòrsa, air a bhith an sàs o 2003.

Tha feadhainn a th' air cur na aghaidh a' cumail a-mach gun do mhùch e farpais eadar na gnothachasan, agus gun do bhrosnaich e daoine a bhith ag òl cus ann an ùine ghoirid.

Bhòt comhairlichean airson cur às don riaghailt às dèidh coinneimh ann an Inbhir Nis Dimàirt a mhair dà uair de thìde gu leth.

'S e amas a' churfiù a bhith a' cuideachadh le obair nam Poileas, agus a bhith a' toirt cuideim far nan rangannan tacsaidh.

Bha Poilis a' Chinn a Tuath airson 's gun deadh an curfiù a chumail, ach bha luchd-iomairt ag ràdh gun robh e a' fàgail na Gàidhealtachd na culaidh-mhagaidh.

Dh'aontaich Bòrd Ceadachd na Gàidhealtachd sùil as ùr a thoirt air a' phoileasaidh san Ògmhios, agus rinn iad co-chomhairleachadh leis a' phoball mun ghnothach.

Fhuair an co-chomhairleachadh 59 freagairt on t-sluagh.

Dhiubh sin, bha 38 duine airson cur às do, no atharrachaidhean a thoirt air a' churfiù. Bha 16 duine airson 's gun deadh a chumail, no atharrachadh rud beag, fhad 's nach tug còignear eile beachd taobh seach taobh air a' chùis.

Related Internet links

The BBC is not responsible for the content of external Internet sites