Highlands & Islands

Uamh Smùdha gu bhith a' dùnadh

Uamh Smùdha
Image caption Tha creagan ann an cuid den uaimh feumach air obair sàbhailteachd.

Tha Uamh Smùdha, ann an Dùthaich MhicAoidh, gu bhith air a dùnadh treis, agus obair ga dèanamh gus creagan innte a dhèanamh nas seasmhaiche.

Bidh còrr is 40,000 duine a' tadhail air an uaimh gach bliadhna.

'S e am beul-uamha aoil-chloiche as motha ann am Breatainn.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd, a tha an urra ris an uaimh, gur dòcha gum feumte i a dhùnadh suas ri cola-deug bho 30mh an t-Sultain.

Bhiodh cuideachd na ceuman-coise a dh'ionnsaigh na h-uamha, agus a dh'ionnsaigh Geòdha Smùdha, dùinte.

Related Internet links

The BBC is not responsible for the content of external Internet sites