Highlands & Islands

Co-dhùnadh air 13 crainn-ghaoithe ga chur dheth

Chuir comhairlichean na Gàidhealtachd dheth co-dhùnadh air cead airson 13 crainn-ghaoithe a chur an-àirde ann an Sgìr Roghaird ann an Cataibh.

Tadhlaidh Comataidh Iarrtasan Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath air an làraich mus bhòt iad co-dhiù bheir iad cead seachad.

'S ann mu mhìle an iar air Creagaidh Mhòr a bhiodh na crainn, a th' aig a' chompanaidh Wind Prospect Developments.

Chaidh 29 gearainnean a thogail an aghaidh a' phlana.

Tha dragh mun bhuaidh air turasachd, air a' mhòine, agus gainnead rùm ann an lìonra-dealain na sgìre.

Mhol oifigich dealbhachaidh gun tèid cead a thoirt seachad don sgeama.