Highlands & Islands

"Deamhain feise" air binn beatha fhaighinn

Chaidh binn beatha sa phrìosan a chur air fireannach a dh'fheuch ri nighean a bha naoi bliadhna de dh'aois èigneachadh, agus a dh'èignich triùir bhoireannach.

Buinidh Iain Mac an Tòisich, a tha 46, do dh'Inbhir Pheofharain, agus feumaidh e co-dhiù deich bliadhna a chur seachad fo ghlais.

Aig an Àrd-Chùirt ann an Obar Dheathain, thuirt am britheamh am Morair Uibhist, gur e "deamhain feise" a bh' anns an Tòisiche, a bhiodh an tòir air boireannaich gun dìon.

Chuir an Tòisiche seachd bliadhna seachad fo ghlais roimhe, airson a bhith ri feise le nighnean a bha 13 agus 14 bliadhna de dh'aois.

'S ann an Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain a thachair na h-eucoirean as ùire.

Thug e ionnsaigh dhrabasta air agus dh'fheuch e ri nighean a bha 9 èigneachadh, agus dh'èignich e triùir bhoireannach.

A' toirt seachad a' bhinn, thuirt am Morair Uibhist: "Bha thu ag amas air boireannaich a bha gun dìon a chùm do chuid drùis feòla a shàsachadh.

"Dh'fhàg thu air an triùir bhoireannach seo gun robh iad air breugan innse, agus cha do nochd thu bròn sam bith airson na rinn thu.

"Is follaiseach dhomhsa nach eil spèis agad do bhoireannaich idir, agus gur e deamhain feise a th' annad."

Thuirt am Morair Uibhist nach bu chòir don Tòisiche a bhith den bheachd gun deadh a shaoradh an dèidh dha deich bliadhna a chur seachad sa phrìosan.

"Thèid do shaoradh a-mhàin nuair a tha Bòrd Paròl na h-Alba air an sàsachadh nach fheumar do chumail fo ghlais tuilleadh a chùm sàbhailteachd a' phobaill."