Highlands & Islands

Co-chomhairle air plana phrìosain ùir Inbhir Nis

Prìosan Inbhir Nis Image copyright Dr Neil Clifton/Geograph
Image caption Dheadh prìosan ùr HMP Highland an àite Phrìosain Phorterfield ann am meadhan Inbhir Nis.

Thèid coinneamh phoblach a chumail an t-seachdain seo mu phlanaichean airson prìosain ùir ann am Baile Mhuileann an Lèigheis an Inbhir Nis.

'S iad buidheann chomhairleachaidh a chuir an tachartas air dòigh, aig Eaglais nan Innseagan sa bhaile, às leth Seirbheis Phrìosan na h-Alba (SPS).

Thèid co-chomhairle phoblach eile a chumail an ath-mhìos.

Dh'inns SPS do Chomhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad am beachd iarrtas airson cead-dealbhachaidh a chur thuca airson a' phrìosain ùir as t-Samhradh. Tha buidheann-iomairt a' cur an aghaidh na làraich a thathas a' moladh.

Tha a' bhuidheann, Highlands Against Proposed Prison Location, air luchd-lagha fhastadh airson an cuideachadh nan strì an aghaidh nam planaichean.

Bhiodh HMP Highland a' dol an àite Phrìosain Phorterfield ann am meadhan a' bhaile, a tha 112 bhliadhna de dh'aois, agus air fear de na prìosain as bige agus as sine an Alba.

Mhol Seirbheis Phrìosan na h-Alba ionad taic teaghlaich agus goireas measgachaidh coimhearsnachd a thogail do phrìosanaich, mar phàirt den phrìosan ùr.

Chosgadh am prìosan ùr còrr air £60m.

Baile Mhuileann an Lèigheis

'S e sgìre mhòir ann an ceann a deas Inbhir Nis a th' ann am Baile Mhuileann an Lèigheis 's tha an làrach a thathas a' moladh faisg air an A9.

Dh'innis a' bhuidheann o chionn seachd bliadhna gun robh iad an dùil prìosan ùr a thogail ann an Inbhir Nis.

Ann an 2010, chaidh innse dhaibh nach b' urrainn dhaibh prìosan ùr a thogail air fearann aig Campas Inbhir Nis ann an sgìre an Fhaidhbhilich.

Bha iad air a bhith a' bruidhinn ri uachdaran agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) mu fhearann a cheannach san sgìre sin.

Duilgheadasan

Thuirt HIE gun do bheachdaich iad dha-rìribh air a' phlana, ach nach robh e "a' tighinn a rèir an t-seallaidh aca" airson na làraich.

Tha duilgheadasan air a bhith aig Prìosan Phorterfield ann an Inbhir Nis - far a bheil rùm airson 103 prìosanach - le cus phrìosanach gan cumail ann.

Thuirt SPS nach eil cothrom ann am prìosan a leudachadh air an làraich sin.