Scotland politics

Bhòt nan daoine gun dachaigh

Fiona King, bho Shelter Alba Image copyright Shelter Scotland
Image caption Faodar clàradh airson bhòtadh fiù 's mur a bheil dachaigh làn-ùine agad.

Tha daoine gun dachaigh ann an Alba gam brosnachadh clàradh airson bhòtadh ann an referendum na neo-eisimeileachd san t-Sultain.

Tha an iomairt, a tha fo sgèith na buidhne Shelter Alba, ann an co-bhann le Coimisean an Taghaidh, ag amas air daoine gun dachaigh, a thuilleadh air daoine a tha a' fuireach ann an dachaighean air màl, no dachaighean sealadach.

Sheall rannsachadh gu bheil na daoine sin am measg an fheadhainn as neo-riochdaichte air clàr nam bhòtairean.

Feumar clàradh airson bhòtadh san referendum ro 2na an t-Sultain.

Cothrom

Freagraidh luchd-bhòtaidh ceist air an 18mh là den t-Sultain san referendum: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich?"

Thuirt stiùiriche Shelter Alba, Graeme Brown: "Tha Shelter Alba airson dèanamh cinnteach, ge b' e dè an suidheachadh sa bheil iad, gum bi cothrom aig daoine bhòtadh.

"Tha sinn a' sgaoileadh bhileagan, phostairean agus foirmichean am measg diofar bhuidhnean air feadh na h-Alba - comainn thaigheadais, comhairlean agus luchd-seirbheis do dhaoine gun dachaigh nam measg - feuch am fiosrachadh gu lèir a thoirt do dhaoine airson clàradh."

Sheall rannsachadh a rinn Coimisean an Taghaidh nach robh ach 71.7% de dhaoine a bha a' fuireach ann an dachaighean air màl air clàr nam bhòtairean ann an 2011, an taca ri 92% de dhaoine a tha a' fuireach ann an dachaigh a tha leotha fhèin le morgaids.

B' iad daoine le gabhaltas bho uachdaran prìobhaideach a bu choltaiche gun a bhith air clàr nam bhòtairean, le dìreach 52.4% air an clàradh far a bheil iad a' fuireach an-dràsta.

Faodaidh duine sam bith a tha gun dachaigh clàradh airson bhòtadh le bhith a' dèanamh "aidmheil cheangail ionadail".

'S e sin brath oifigeil a thoirt do dh'oifis taghaidh na sgìre aca ag innse cò an sgìre far am bi iad a' cur seachad a' chuid as motha den ùine aca.

Tha Seumas Harris an-dràsta gun dachaigh, agus tha e a' cur fàilte air an taic a fhuair e clàradh airson bhòtadh a' chiad uair.

"Cha robh cothrom agam bhòtadh, dha-rìribh, thuige seo," thuirt e.

"Sna flataichean mu dheireadh san robh mi a' fuireach, bha na bileagan seo a' tighinn troimhe airson clàradh airson bhòtadh. Cha robh fhios agam dè bu chòir dhomh a dhèanamh leotha. Cha robh duine ag innse dhomh."

Tha Alasdair Lothian cuideachd gun dachaigh, agus gu bhith a' bhòtadh a' chiad uair na bheatha.

Co-dhùnadh as Motha

"Choimhead mi air fear no dhà de na deasbadan a bha seo, agus cuirear ceist orra, ach freagraidh iad ceist eadar-dhealaichte seach a' cheist a chaidh a chur orra.

"Mar a tha mi ag ràdh, tha mi san dorchadas. Chan eil fiosrachadh gu leòr agam mu dheidhinn. Cha bhi mi fhèin 's mo chuid charaidean a' deasbad poileataigs dha-rìribh."

Bidh a' bhuidheann Crisis Edinburgh ag obair còmhla ri daoine a tha singilte agus gun dachaigh - mar as trice a' fuireach ann an dachaigh shealadaich.

'S i Ann Landels stiùiriche an ionaid ann an Dùn Èideann. "Ged as urrainnear clàradh airson bhòtadh fiù 's mur a bheil dachaigh làn-ùine agad, chan eil fhios aig cuid mhòr de dhaoine air sin," thuirt i.

"Agus leis gum bi sinn a' ruith chlasaichean foghlaim agus ag obair le daoine aghaidh ri aghaidh, gu follaiseach, tha sinn airson am brosnachadh a dhol an às anns a' phròiseas dheamocratach sin, oir aig deireadh an là, mur a bhòt thu, chan eil guth agad.

"Tha a bhith a' toirt a' ghutha sin do dhaoine gu tric a' toirt orra smaoineachadh air mar a dh'fhaodadh a dhol an sàs ann an dòighean eile.

"Tha sinn air seiseanan an ruith far a bheil Buill-Phàrlamaid air tighinn a bhruidhinn ri buidhnean mu chuspairean sònraichte, agus gu follaiseach, seach gur e an referendum an co-dhùnadh as motha a bhios mu choinneimh na h-Alba gu bràth, tha e fìor-chudromach gun tuig daoine a tha ag iarraidh an guth a thogail, am pròiseas, agus bidh sinne a' tabhainn taic dhaibh."