Duais Neach Spòrs na Bliadhna 2016: Cuir neach air adhart airson Get Inspired Unsung Hero

Media playback is not supported on this device

'There's an unstoppable army making things happen through sport'

A bheil thu eòlach air duine sam bith a bhios a' brosnachadh dhaoine gus pàirt a ghabhail ann an spòrs aig ìre coimhearsnachd? Ma tha, cuir fios thugainn.

Tha BBC Get Inspired Unsung Hero air a bhith a' dol airson 14 bliadhna agus tha e ag aithneachadh na tha daoine air feadh na RA air a dhèanamh gus daoine a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail ann an spòrs. Faodar ainmean airson duais na bliadhna seo a chur air adhart eadar seo agus 23 Dàmhair agus thèid an neach a bhios soirbheachail ainmeachadh ann am prògram telebhisean BBC Sports Personality of the Year.

B' e coidse buill-coise, Damien Lindsay à Èirinn a Tuath, a choisinn duais 2015. Chaidh a thaghadh à 15 Unsung Heroes a chaidh a chur air adhart bho air feadh na dùthcha.

A' bruidhinn mu dhuaisean na bliadhna seo, thuirt Sharon Fuller, Stiùiriche Get Inspired: "Gach seachdain tha na mìltean de dhaoine air feadh na RA ag obair le glè bheag a thaic, no gun taic idir, gus spòrs a bhrosnachadh aig ìre ionadail.

"'S e cothrom a tha seo dhuibhse aithne air a bheil iad airidh a thoirt do neach le bhith gan cur air adhart airson Duais BBC Get Inspired Unsung Hero."

A' cur taic ris an iomairt mar thosgairean tha Maggie Alphonsi, a bha uair na cluicheadair rugbaidh aonaichte do sgioba Shasainn agus Saracens, agus Adrian Trott, athair Laura Trott a choisinn duaisean oilimpigeach airson rothaireachd, agus fear a chleachd a bhith ag obair aig ìre ionadail gus spòrs a bhrosnachadh.

"Cha bhiodh e air a bhith comasach dhan nighean agam, Laura, a bhith soirbheachail aig Geamannan Oilimpigeach na bliadhna seo mura b' e an taic a fhuair i bho dhaoine a bha a' toirt seachad an ùine fhèin aig ìre coimhearsnachd agus a thug taic dhi gus a brosnachadh pàirt a ghabhail ann an spòrs," thuirt Adrian.

"Cuir a' cheist air neach-spòrs sam bith an-diugh agus gu cinnteach bidh neach ann a thug taic dhaibh," thuirt Alphonsi.

"Tha na daoine seo cudromach, nas cudromaiche na tha iad fhèin a' smaoineachadh agus tha mise air mo dhòigh a bhith nam thosgaire airson Duais Get Inspired Unsung Hero na bliadhna seo gus an aithne air a bheil iad airidh a bhuileachadh air an luchd-taic seo."

Ciamar as urrainn dhomh Unsung Hero a chur air adhart?

Faodar a-nise ainmean airson duais 2016 a chur air adhart. 'S urrainn dhut foirm iarrtais a thoirt a-nuas agus a thilleadh tron phost chun an t-seòladh a tha ri fhaighinn an seo.

Dèan cinnteach gun toir thu gu leòr fiosrachaidh seachad gus cothrom a thoirt dha na britheamhan tuigse carson a tha an duine a chur thu air adhart airidh air duais Unsung Hero san sgìre agaibh.

Chan eil uallach no smachd aig a' BhBC air stuthan a nochdas air làraich eile. Tha am BBC a' moladh gun toir thu sùil air na poileasaidhean prìobhaideach aca gus dearbhadh dè nì iad led fhiosrachadh.

Ciamar a thèid neach-buannachaidh a thaghadh?

Coinnichidh pannalan ann an 12 roinnean a' BhBC ann an Sasainn, BBC Èirinn a Tuath, BBC Alba agus BBC Cymru gus aon neach a thaghadh às gach àite.

Thèid an neach a bhios soirbheachail a thaghadh às na 15 a tha sin agus bidh e no i air an ainmeachadh ann am prògram telebhisean BBC Sports Personality of the Year air Là na Sàbaid, 18 Dùbhlachd ann am Birmingham.

Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn mu Dhuais Get Inspired Unsung Hero 2016 sna riaghailtean.

Feumaidh gach foirm a bhith a-staigh ro 23:59 BST air Là na Sàbaid, 23 Dàmhair.

'S e Dihaoine 14 Dàmhair an latha mu dheireadh a thèid foirm iarrtais a chur dhan phost.

Am faod mi an aon neach a chur air adhart a-rithist am-bliadhna?

Ma tha thu airson ainm a chaidh air adhart roimhe a chur a-steach, faodaidh tu tagradh eile a chur a-steach am-bliadhna.

Faodar an duilleag seo a leughadh ann an Gàidhlig agus ann an Cuimris.

Tha feum air an tuilleadh ghaisgich a bheir taic do spòrs air feadh na RA. Ma tha thusa air a bhith air do bhrosnachadh leis an seo, agus ma tha thu airson taic a thoirt do spòrs anns a' choimhearsneachd agad fhèin, thèid gu Get Inspired guide to volunteering agus lorgaidh tu duilleag an sin a tha a' toirt fiosrachadh seachad mu bhith a' coidseadh.