Mu do sheataidhean pearsanachaidh

Air ùrachadh: 29 Am Màrt 2017

Le “pearsanachadh” tha sinn a’ ciallachadh:

  • A’ moladh rudan a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdas riut
  • A’ cuimhneachadh dè cho fada air adhart ann am prògram ’s a tha thu (gus am faod thu tòiseachadh ga choimhead a-rithist far na stad thu)
  • A’ cur brathan thugad mu rudan a tha a’ còrdadh riut.

Mus urrainn dhuinn sin a dhèanamh, feumaidh tuigse a bhith againn air mar a tha thu a’ cleachdadh am BBC, le bhith coimhead ri rudan mar na h-artaigilean a bhios tu a’ leughadh agus na prògraman a bhios tu a’ coimhead.

Faigh a-mach tuilleadh mu mar a bhios sinn a’ cruinneachadh dàta mud dheidhinn.

Mar a thionndaidheas tu pearsanachadh dheth

Faodaidh tu “Ceadaich pearsanachadh” a thionndadh dheth ann an seataidhean do chunntais BBC.

Dè thachras ma thionndaidheas tu pearsanachadh dheth?

• Chan fhaigh thu molaidhean pearsanta stèidhichte air rudan a chunnaic thu no ris na dh’èist thu.
• Cha bhi fiosan-naidheachd sam bith a dh’iarr thu air am pearsanachadh tuilleadh. Gheibh thu dreach gnèitheach.
• Cha chuimhnich sinn dè cho fada air adhart ann am prògram ‘s a bha thu. Le sin cha bhi e comasach dhut stad a chur air prògram is tòiseachadh a-rithist far na stad thu.
• Bidh dàta mu mar a chleachd thu am BBC neo-ainmeach. Mar eisimpleir b’ urrainn dhuinn faicinn gun do sheall cuideigin ri sgeulachd shònraichte air BBC Naidheachdan. Ach cha b’ urrainn dhuinn innse gur tusa a bh’ ann.
• Faodaidh tu fhathast “cuir ris” a dhèanamh airson àm ri teachd, na prògraman as fheàrr leat a rùnachadh, beachdan a thoirt air sgeulachdan, agus bhòtadh air prògraman mar Strictly Come Dancing.

A bheil “Ceadaich Pearsanachadh” ag obair san aon dòigh tarsainn air a’ BhBC air fad?

Cha toir atharrachadh do sheataidhean pearsanachaidh buaidh air app BBC Music. Le sin, ma thionndaidheas tu pearsanachadh dheth, bidh an app fhathast pearsaichte dhut, stèidhichte air mar a tha thu a’ cleachdadh BBC Music. Mur eil thu cofhurtail le seo, feumaidh tu sguir a chleachdadh an app.

Bu chòir dhut a bhith mothachail cuideachd gu bheil apps mobile a’ BhBC uaireannan a’ cleachdadh aithnichearan inneil agus app neo-ainmeach airson faicinn mar a tha iad air an cleachdadh.

Mar a nì thu cinnteach gu bheil do sheatadh pearsanachaidh air ùrachadh anns gach àite

Nuair a dh’atharraicheas tu do sheatadh pearsanachaidh tha e air ùrachadh anns a’ bhad air a’ bhrobhsair lìn a tha thu a’ cleachdadh. Ach cha tèid ùrachadh anns a’ bhad air brobhsairean, innealan no apps BBC sam bith eile a bhios tu a’ cleachdadh. Le sin, aon uair ’s gu bheil thu air seatadh air aon bhrobhsair atharrachadh…

• Air brobhsairean lìn sam bith eile a bhios tu a’ cleachdadh, nam measg feadhainn air innealan eadar-dhealaichte, feumaidh tu logadh a-mach agus logadh a-steach a-rithist.
• Air apps BBC sam bith air d’ fhòn no air do thablaid, feumaidh tu logadh a-mach agus logadh a-steach a-rithist. An uairsin, dùin an app agus fosgail e a-rithist.

An e an aon rud a th’ ann an tionndadh dheth pearsanachadh is tionndadh dheth cookies?

Chan e, tha iad eadar-dhealaichte. Gheibh thu tuilleadh a-mach mu cookies air a’ BhBC an seo.

Tagh cànan: EnglishCymraeg