Dè tha tachairt do na beachdan a tha mi a’ cur air a’ BhBC?

Air ùrachadh: 21 An Gearran 2018

Tha sin a rèir cò thu agus càite bheil thu gan cuir.

what_happens_to_comments_once_i_post_them.png

Mas e pàiste a th’ annad agus tu a’ cur beachd air làraich dha pàistean

Nochdaidh do bheachd anns a’ bhad, mura bheil thu an urra ri co-mheasaidh ro làimh. Ma ghearaineas duine mu dheidhinn, nì sinn sgrùdadh faic a bheil e a’ briseadh ar riaghailtean.

Leugh mu co-mheasaidh ro làimh ann an "Dè th’ ann an co-mheasadh?"

Mas e inbheach a th’ annad a’ cur beachd air làraich airson inbhich (mar BBC Naidheachadan)…

Nochdaidh do bheachd anns a’ bhad, mura bheil thu an urra ri co-mheasaidh ro làimh. Ma ghearaineas duine mu dheidhinn, nì sinn sgrùdadh faic a bheil e a’ briseadh ar riaghailtean.

Leugh mu co-mheasaidh ro làimh ann an "Dè th’ ann an co-mheasadh?"

Ma tha do bheachd a’ briseadh ar riaghailtean

Dubhaidh sinn às e agus cuiridh sinn post-dealain thugad a’ mìneachadh carson. Ma thogras tu, faodaidh tu tagradh a dhèanamh an aghaidh sin. Faic ar riaghailtean mu bheachdan an seo. Leugh mu carson a chaidh do bheachd no na luchdaich thu suas a dhubhadh às.

Ciamar a bheir mi air falbh beachd a chur mi thugaibh?

Feumaidh tu post-dealain a chur gu BBCCommunities@bbc.co.uk ag iarraidh orra am beachd a thoirt air falbh, le fios mu carson. Cuideachd, 's dòcha nach tèid an toirt a-nuas. 

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu mar a tha sinn a’ dèiligeadh ri do stuth an seo.

Leugh ar Poileasaidh Prìobhaideachd air fad airson faighinn a-mach mu na bhios sinn a' dèanamh le do bheachdan. 

Leugh ar Cumhaichean Cleachdaidh air fad airson an tuilleadh fhaighinn a-mach mu dè dh’fhaodas sinn a dhèanamh le do bheachdan agus dè nach fhaod thu a ràdh nad bheachdan.

Tagh cànan: EnglishCymraeg