Dè thachras ma tha cookies treas pàrtaidh dheth nam bhrobhsair?

Air ùrachadh: 7 Am Màrt 2017

Ma tha cookies treas pàrtaidh dheth nad bhrobhsair, ‘s dòcha nach obraich cuid de sheirbheisean a’ BhBC mar a bhiodh tu an dùil.

Tha seo ri linn ‘s gum bi am BBC a’ stèidheachadh cookies nad bhrobhsair mar a bhios seirbheisean eile far am faodar logadh a-steach. Tha na cookies sin stèidhichte air bbc.co.uk agus bbc.com ri linn ‘s gu bheil am BBC a’ cur ri gach làrach.

Ma tha do bhrobhsair a’ cur bacadh air cookies treas pàrtaidh, chan obraich cuid a sheirbheisean mar a bu chòir agus bidh trioblaidean agad le cunntas a’ BhBC.

Tha sinn ag obair air a seo le dòchas a rèiteachadh tràth ann an 2017.

San eadar-ama, ma roghnaich thu bacadh a chur air cookies treas pàrtaidh nad bhrobhsair, tha sinn a’ moladh mura-bhithean a stèidheachadh air bbc.co.uk agus bbc.com airson trioblaidean le do chunntas a sheachnadh. Cha toir seo buaidh air do sheataidhean prìobhaideachd air làraich eile no air na seirbheisean a bhios tu a’ cleachdadh.

Tagh cànan: EnglishCymraeg