Am bi sibh a’ roinn m’ fhiosrachadh le buidhnean eile?

Air ùrachadh: 31 An Cèitean 2019

Bidh sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh airson ar goireasan a leasachadh. Uaireannan bidh sinn a' sgaoileadh fiosrachadh le buidhnean eile, mar eisimpleir:

  • Nuair a dh'iarr thu oirnn no nuair a thug thu cead seachad
  • Nuair a bhios sinn a' cleachdadh companaidhean eile airson dèiligeadh ri ar seirbheisean
  • Gus stuthan is seirbheisean a thoirt thugad tro ar com-pàirtichean
  • Gus molaidhean BBC nas pearsanta a shanasachd air làraich meadhanan sòisealta, leithid Facebook, Google, Snapchat no Twitter
  • Ma tha thu air taobh a-muigh na RA, 's dòcha gun cleachd ar buidhnean sanasachd d' fhiosrachadh gus sanasan a shealltainn dhut air seirbheisean a' BhBC agus air-loidhne
  • Ma dh'fheumas sinn a rèir an lagh, no nuair a dh'fheumas sinn thu fhèin no daoine eile a dhìon bho chron.

 

Nuair a bhios sinn a’ roinn do dhàta taobh a-muigh a’ BhBC, seo a nì sinn:

  • Sgaoilidh sinn e ann an dòigh tèarainte
  • Nì sinn cinnteach gun tèid dèiligeadh ris a rèir ar gealltanas a thaobh prìobhaideachd
  • Cuiridh sinn casg air companaidhean eile bho bhith ga chleachdadh gus fios a chur thugad le an stuthan margaideachd fhèin

A' sgaoileadh do dhàta air taobh a-staigh a' BhBC

‘S dòcha gun sgaoil sinn d’ fhiosrachadh gu pàirtean eadar-dhealaichte dhen a’ BhBC airson rannsachadh is leasachadh, anailis, margaideachd no air adhbharan Ceadachd TBh.

Tagh cànan: EnglishCymraeg