Ciamar a tha apps, innealan is Tbh a’ glacadh mo dhàta?

Air ùrachadh: 25 Am Faoilleach 2017

Ruigidh apps sam bith a luchdaicheas tu a-nuas gu d’ fhòn-làimhe, no gu do thelebhisean, air cuid a dh’fhiosrachadh air d’ inneal.

Tha cuid a sheòrsachan dàta air a chruinneachadh co-dhiù, mar:

  • An seòrsa inneal a tha thu a’ cleachdadh
  • Aithnichear sònraichte (mar ID an inneil no seòladh IP)
  • Fiosrachadh mu na dòighean a tha thu a’ cleachdadh an app.

Leigidh seo leis an app cuimhne a chumail ort agus stuthan sam bith a dh’iarr thu a thoirt dhut. Mar eisimpleir, tha app BBC Aimsir a’ cleachdadh far a bheil an t-inneal agad airson aimsir ionadail a thoirt dhut.

 

How do apps capture my data?

Airson a bhith sàbhailte

Dèan cinnteach gu leugh thu an earrann air ceadan air app sam bith mus luchdaich thu a-nuas e. Sin an dòigh as fheàrr air tuigsinn dè dìreach an dàta a ghlacas e.

 

Faodaidh apps fiosrachadh a ghleidheadh air d’ inneal cuideachd

Mar eisimpleir, ma luchdaicheas tu a-nuas prògram air app mobile iPlayer, thèid a stòradh air d’ inneal.

Tagh cànan: EnglishCymraeg