Ciamar a chumas mi mo chlann sàbhailte air-loidhne?

Air ùrachadh: 29 An t-Ògmhios 2017

Tha mòran rudan ann a dh’fhaodas tu fhèin agus do chlann a dhèanamh airson a bhith sàbhailte air-loidhne. Seo ceanglaichean feumail bhon BhBC:

No rach gu Internet Matters. Tha fiosrachadh an sin air mar as urrainn dhut cead phàrant a chur an sàs air diofar innealan, innealan gheamannan, ceangalan bann-leathainn agus innealan den leithid san dachaigh.

Seirbheisean agus goireasan a tha freagarrach do chlann air a’ BhBC

Ma tha thu lorg rud a tha freagarrach do chlann air a’ BhBC tha àite no dhà ann far am b’ fhiach tòiseachadh:

Ciamar a tha fios agam gu bheil cunntasan BBC sàbhailte airson clann?

Tha diofar sheòrsachan dìon againn airson clann a chumail sàbhailte. Mar eisimpleir, chan eil duine sam bith fo aois 13 a tha a’ clàradh leis a’ BhBC a’ toirt seachad ach ainm-cleachdaidh (a bu chòir a bhith eadar-dhealaichte bho an ainm ceart) agus an latha breith.

Gheibh thu taic le cunntasan chloinne BBC an seo

Cuimhnich

Chan fhaighear gu stuthan chloinne a tha ri fhaotainn san RA a-mhàin le cunntas BBC bho air taobh a-muigh na RA. Na cruthaich cunntas BBC ma tha thu air taobh a-muigh na RA agus fo aois 18 no dh’fhaodadh gun tèid do chunntas a dhubhadh às. 

Tha smachd agad air dè tha do phàiste a’ dèanamh leis a' chunntas BBC aca

Chan fhaigh clann fo aois 13 air ruigsinn air cuid a rudan gun chead bho phàrant no neach-cùraim.

Ma dh’fheuchas iad ri beachd a chur air bòrd-brath, no goireasan pearsaichte sam bith a chleachdadh, feumaidh iad an cunntas aca fhèin a cheangal ri cunntas BBC am pàrant no an neach-cùraim. Seo mar a tha sin a’ tachairt:

1. Iarraidh sinn orra am post-d a tha am pàrant no an neach-cùraim a’ cleachdadh airson logadh a-steach dhan BhBC a chur a-steach.
2. Cuiridh sinn post-d chun a’ phàrant no an neach-cùraim a leigeas dhaibh taghadh dè na goireasan a cheadaicheas iad dhan phàiste.

 

 

Rud na dhà as fhiach cumail air chuimhne

1. Bidh seirbheisean chloinne a’ BhBC uaireannan a’ cruinneachadh fiosrachadh pearsanta, dìreach mar na roinnean dhen BhBC a tha airson inbhich.

2. Ma chì sinn càil air bòrd-brath a tha toirt oirnn smaoineachadh gu bheil pàiste ann an cunnairt, dh’fhaodadh gun cuireadh sinn sin, agus fiosrachadh eile, air adhart gu daoine is urrainn cuideachadh, mar an NSPCC.

 

 

Tagh cànan: EnglishCymraeg