Cò eile a chì ciamar a tha mi air a bhith a’ cleachdadh a’ BhBC?

Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017

Mar as trice chan fhaic duine ach thusa mar a tha thu air a bhith a’ cleachdadh a’ BhBC mura:

  • Dèan thu rudeigin a tha ri fhaicinn gu poblach, mar beachd a chur ri sgeulachd BBC.
  • Toir thu cead dhuinn d’ fhiosrachadh a roinn le seirbheis eile. ‘S dòcha gu bheil thu airson clàr-ciùil de dh’òrain a ghluasad bho BBC Music gu Deezer, Spotify no YouTube. No mura iarr thu oirnn. Mar eisimpleir, ma tha thu a’ sgaoileadh rud tro na meadhanan soisealta.
  • Feum sinn a roinn air adhbharan laghail no riaghailteach.

 

Dh’fhaodadh sinn do dhàta a sgaoileadh gu buidhnean eile airson rannsachadh agus anailis, no ma tha e riatanach airson seirbheis a dh’iarr thu a thoirt seachad. Mar eisimplier, bidh sinn a’ cleachdadh companaidhean fa-leth airson cuairt-litrichean a sgaoileadh.

Mura-bhith no dhà

Bidh beachdan sam bith a chuireas tu mu sgeulachdan BBC follaiseach don phoball. Agus bidh càil sam bith a sgaoileas tu follaiseach dhaibhsan dhan tug thu e.

Tagh cànan: EnglishCymraeg