Am faod mi stuthan bhon BhBC a sgaoileadh?

Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017

Am bi sibh a’ cruinneachadh dàta mum dheidhinn à àite sam bith eile?

Faodaidh, ach tha riaghailtean ann (seo iad).

Bidh co-dhiù aon de na putain a leanas ri taobh stuthan a ghabhas sgaoileadh, no “sgaoilein”:

• Sgaoil
• Cuir an sàs
• RSS

 

Riaghailtean mu bhith sgaoileadh stuthan a’ BhBC

Cùm ri na riaghailtean seo. Mura cùm, am measg rudan eile, cha bhi na daoine a chruthaich iad airson stuthan ùra a dhèanamh dhuinn tuilleadh.

Dè dh’fhaodas tu dhèanamh

Cleachd putain sgaoilidh

Tha putan air cuid de dhuilleagan air a’ BhBC a leigeas dhut ceangal chun duilleig sin a sgaoileadh. ’S e deagh dhòigh a th’ ann air innse dha do charaidean mu rudeigin inntinneach. Cliog air a’ phutan “Sgaoil” agus chì thu liosta sheirbheisean mar Facebook, Google+ no Twitter.

Tha sinn air an fheadhainn as motha a tha còrdadh ri daoine a tha a’ cleachdadh am BBC a thaghadh. Air cuid de dhuilleagan a’ BhBC tha Facebook agus Twitter nas nochdte oir ’s iad as motha a tha còrdadh ri luchd-cleachdaidh. Gabhaidh na seirbheisean sgaoilidh ris a bheil sinn a’ ceangal a bhith air an cleachdadh an-asgaidh.

Nuair a tha thu a’ sgaoileadh stuth air feadh nam meadhanan sòisealta, ’s e an cumhaichean a tha buntainneach. Bu chòir dhut an cumhaichean a leughadh. Faodaidh tu an lorg air-loidhne.

Cleachd ar cluicheadair air do làraich-lìn no air do chunntas meadhanan soisealta

Ach na:

  • Atharraich mar a tha an cluicheadair ag obair
  • Na toir stuthan a-mach às
  • Na cuir an sàs stuth sam bith aig nach eil putan “Cuir an sàs”.

Cuir biathadair BBC News a chur ri do làraich-lìn no air do chunntas meadhanan sòisealta

Cho fad ’s:

  • Nach atharraich thu am biathadair agus nach toir thu air falbh pàirt sam bith de ar brandadh no ar suaicheantais
  • Gu bheil thu gar n-aithneachadh le bhith ag innse gu bheil e bho BBC News, bbc.co.uk/news no bbc.com/news
  • Nach cuir thu ri ar brandadh, suaicheantais agus msaa, ach a-mhàin airson brandadh sam bith a tha cheana an sàs sa bhiathadair.

Cuir suas beachdan mu ar sgaoilein

Dìreach cho fad ’s nach eil na beachdan olc.

Rudan nach fhaod thu dhèanamh

Na cleachd sgaoilein airson adhbharan millteach no oilbheumach

Seo liosta de rudan a dh’fhaodadh a bhith millteach no oilbheumach:

• Ag ailiseachadh, cuir air seacharan, dèanamh leth-bhreith no a’ dèanamh tuaileis, a’ toirt an cliù, bho dhaoine
• A’ cur air adhart drùiseantachd, tombaca no innealan-cogaidh
• A’ cur clann ann an cunnart
• Càil mì-laghail. Mar a bhith a’ cleachdadh cainnt gràin, a’ brosnachadh ceannairc no a’ briseadh lagh prìobhaideachd
• Càil a mhilleadh cliù a’ BhBC

Na dèan e coltach ris gun do chosg sgaoilein airgead 

Chan fhaod thu pàigheadh iarraidh airson ar sgaoilein a chleachdadh. Ma chuireas tu iad air làraich a tha ag iarraidh pàigheadh airson stuthan, feumaidh tu a ràdh gu bheil iad rim faicinn an-asgaidh.

Na dèan iad nas nochdte na stuthan nach eil bhon BhBC

No dh’fhaodadh e bhith a’ coimhead mar gu bheil sinn a’ cur taic riut. Rud nach fhaod sinn a dhèanamh. Agus chan urrainn dhut seirbheis a chruthachadh dhut fhèin anns nach eil ach na sgaoilein againne.

Na àibheisich do dhàimh ris a’ BhBC

Chan fhaod thu a ràdh gu bheil sinn a’ toirt taic, a’ cur air adhart, a’ solarachadh no a’ gabhail deagh bheachd ort. Na cleachd sgaoilein air adhbharan poilitigeach. Agus chan fhaod thu a ràdh gur ann agadsa a-mhàin a tha cead ar stuth a chleachdadh.

Na dean ceangal eadar stuthan a’ BhBC agus sanasachd no goistidheachd

Tha sin a’ ciallachadh nach fhaod thu:

• Stuth sam bith eile a chur eadar an ceangal chun an sgaoilein agus an sgaoilean fhèin. Chan fhaod thu sanasan no bhidiothan goirid a dh’fheumas daoine fhaicinn a chleachdadh
• Sanasan a chur rin taobh no thairis orra
• Sanasan a chur ann an duilleig sam bith no app anns a bheil mòrchuid de sgaoilein
• Sanasan co-cheangailte rin cuspair a chur ri taobh sgaoilein. Ma tha sgaoilean agad mu bhrògan chan fhaod thu sanas mu bhrògan-ruith a chur faisg air
• Stuthan a bharrachd a chur ris a chiallaicheadh gun dèanadh tu airgead bhuapa.

Na bi meallta mu cò às a thàinig iad

Chan urrainn dhut am fios mu chòraichean a thoirt air falbh no atharrachadh, no beachd a thoirt gur e cuideigin eile a chruthaich iad.

Na th’ agad ri dhèanamh

Cleachd an dreach as ùire. Na toir air falbh tagaichean no tracadh sam bith. Agus dèan cinnteach gu bheil e air fhoillseachadh gu ceart.

Cuir aithneachadh ris (mur eil sin air cheana):

• Bho – BBC News
• bbc.com/news
• BBC Sport
• bbc.co.uk - © còraichean (a’ bhliadhna an seo) BBC

Ma ghabhas e dèanamh, cuir ceangal-lìn chun an àite san d’fhuair thu an sgaoilean. Dèan cinnteach gu bheil e ag obair agus na cuir càil eadar an t-aithneachadh agus an ceangal-lìn.

Tagh cànan: EnglishCymraeg