Cuin a dh’fheumas mi cead-cleachdaidh telebhisean?

Air ùrachadh: 18 An Lùnastal 2017

Tha sin a rèir càite bheil thu agus dè tha thu a’ dèanamh.

 

Do_I_need_a_TV_licence_v2.png

Taobh a-staigh an RA, Eileanan Caolas Shasainn agus Eilean Mhanainn

Feumaidh tu cead-cleachdaidh telebhisean airson prògraman telebhisean beò a choimhead no a chlàradh aig àm sam bith, no airson prògraman a choimhead no an luchdachadh a-nuas air iPlayer.

Tha sin a’ gabhail a-steach inneal sam bith, mar telebhisean, coimpiutair, laptop, fòn-làimh, tablaid, inneal gheamannan, bogsa didsiotach no cluicheadair DVD/VHS.

Bidh sinn a’ roinn cuid dhen dàta pearsanta agad le sgioba Cead-cleachdaidh TBh airson dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh BBC iPlayer agus airson am fiosrachadh as ùire a chur dhan stòr-dàta aca.

Faigh an tuilleadh fiosrachaidh mu cuin a tha feum air Cead-cleachdaidh TBh.

Taobh a-muigh nan àiteachan sin

Feumaidh tu faighinn a-mach a bheil sgeama ceadachd-cleachdaidh telebhisean anns an dùthaich agad.

Tagh cànan: EnglishCymraeg