Dòigh bhòtaidh Ball a Bharrachd (AMS)

Bidh BPA air an taghadh le Dòigh bhòtaidh Ball a Bharrachd [Additional Member System (AMS)]. 'S e seòrsa de riochdachadh co-roinneil a th' ann an AMS. Tha an siostam seo ag amas air co-roinn no co-chuid de na riochdairean (BPA ann an Alba) a thoirt do na partaidhean poilitigeach a rèir 's na gheibh iad de bhòtaichean.

Mar a bhios Dòigh bhòtaidh Ball a Bharrachd ag obrachadh

Le AMS bidh luchd-bhòtaidh a' faighinn pàipear-bhòtaidh agus feumaidh iad ('X') bhòt a chlàradh.

Taobh a-staigh ionad-bhòtaidh
Daoine a' bhòtadh ann an ionad-bhòtaidh

Tha a' chiad bhòt airson BPA sgìre no roinn-phàrlamaid. Bidh an neach as motha a gheibh de bhòtaichean a' buannachadh bhòt na roinn-phàrlamaid. Tha 73 BPA roinn-phàrlamaid ann.

Le AMS bidh luchd-bhòtaidh cuideachd a' faighinn cothrom (dara bhòt) bhòtadh do phartaidh poilitigeach. Nuair a bhios na bhòtaichean uile air an cunntadh, agus BPA air an taghadh, bidh an dara bhòt ga cleachdadh airson an riochdachadh san fharsaingeachd a dhèanamh cothromach do gach partaidh poilitigeach.

Ciamar a bhios an dara bhòt ag obrachadh?

Nuair a bhios na bhòtaichean gu lèir airson na roinn-phàrlamaid air an cunntadh, bidh na h-ochd sgìrean pàrlamaid ann an Alba a' faighinn BPA a bharrachd airson gum bi an toradh nas cothromaiche do gach partaidh.

Mar eisimpleir ann an 2011, fhuair am Partaidh Tòraidheach dà BPA (no ball liosta) ann an Ear-thuath na h-Alba oir cha d' fhuair iad BPA ann an gin de na roinnean-pàrlamaid. Tha sin a' ciallachadh gu bheil luchd-bhòtaidh Tòraidheach air an riochdachadh ann an dòigh nas cothromaiche a rèir 's na taic phoilitigich a th' aca ann an Ear-thuath Alba.

Tha 56 BPA sgìreil a bharrachd ann (7 gach sgìre). Nuair a chuireas tu sin ri 73 BPA nan roinnean-pàrlamaid, tha 129 BPA ann gu lèir.

An ceangal eadar roinn-phàrlamaid roinneil agus ionadail ann an Alba

Buannachdan de Bhall a Bharrachd

  • Barrachd roghainn: Tha barrachd roghainn aig luchd-bhòtaidh nuair a thèid iad a bhòtadh. Anns a' chiad bhòt 's dòcha gun tagh iad riochdaire ionadail bho aon phartaidh, ach san dara bhòt (an liosta) 's dòcha gum bhòt iad do phartaidh eadar-dhealaichte.
  • Nas cothromaiche do gach partaidh: Tha an toradh san fharsaingeachd ann an co-chuid nas cothromaiche dha na partaidhean gu lèir. Mar eisimpleir an dèidh taghadh Pàrlamaid na h-Alba ann an 2011, bha BPA bho iomadh partaidh air an riochdachadh, agus nam measg bha dà BPA on Phartaidh Uaine.
  • Barrachd bheachdan air an riochdachadh: Dh'fhaodadh gum biodh barrachd phartaidhean air an riochdachadh san riaghaltas oir tha e nas buailtiche gum bi co-bhanntachd ann.
  • A h-uile bhòt a' cunntadh: Ged a dh'fhaodadh nach bi mòran teansa aig an tagraiche a thagh an neach-bhòtaidh airson na roinn-phàrlamaid, cuidichidh an dara bhòt gu bhith a' taghadh riochdaire às a' phartaidh as fheàrr leotha.

Eas-bhuannachdan de Bhall a Bharrachd

  • Nas toinnte: Chan eil na taghaidhean cho sìmplidh le dà bhòt agus tagraichean rin taghadh bhon liosta sgìreil.
  • Barrachd air aon riochdaire: Tha e doirbh do chuid de luchd-bhòtaidh tuigsinn carson a tha grunn BPA a' riochdachadh gach neach-bhòtaidh.
  • Co-bhanntachd nas buailtiche: Tha e nas buailtiche gum bi co-bhanntachd, no riaghaltas le beag-chuid ann (SNP 2007-2011). Tha poilitigs le co-chòrdadh nas buailtiche oir tha e doirbh, ged nach eil e do-dhèante, do dh'aon phartaidh riaghaltas le mòr-chuid a chruthachadh.
  • Chan e an siostam as fheàrr a thaobh co-chuideim: Ged as e siostam co-chuideil [proportional representation (PR)] a th' ann an AMS, chan e an siostam as fheàrr a thaobh co-chuid. Mar eisimpleir fhuair an SNP mu 45% dhen bhòt ann an taghadh Pàrlamaid na h-Alba ann an 2011, ach fhuair iad còrr is leth nam BPA (69 à 129).
  • Smachd aig partaidhean air liostaichean sgìreil: An dara bhòt air a cleachdadh airson riochdairean a thaghadh far liosta gus am bi an toradh deireannach co-chuideil. Ach 's e na partaidhean poilitigeach a bhios a' taghadh òrdugh nan tagraichean air an liosta.