Factar cumanta

Gus factaradh a dhèanamh air abairt, ath-sgrìobh i mar thoradh-iomadachaidh de fhactaran.

Ma smaoinicheas tu air ais gu bhith a' toirt chamagan air falbh, 's e am freagairt a-nis a' cheist agus 's e a' cheist a-nis am freagairt.

Faodaidh sinn faighneachd, 'Dè bh' ann mus deach na camagan a thoirt air falbh?'

Nuair a bhios tu a' factaradh, tha e math na camagan iomadachadh a-mach aon uair 's gu bheil freagairt agad gus faighinn a-mach a bheil am freagairt a' maidseadh na ceist.

Mura bheil, bidh fios agad gu bheil rudeigin ceàrr.

Eisimpleir

Factaraich 10 + 4x

An toiseach, lorg am factar cumanta as àirde (FCÀ) aig 10 agus 4x.

Innsidh seo dhuinn dè an teirm a thèid air taobh a-muigh nan camagan.

'S e am Factar Cumanta as Àirde (FCÀ) = 2.

10 + 4x = 2(... + ...)

Airson na teirmean a bhios taobh a-staigh nan camagan a lorg, obraich a-mach 2 \times ? = 10 agus an uair sin 2 \times ? = 4x.

Sin 5 agus 2x

Mar sin 10+4x=2(5+2x)

Cuimhnich gun iomadaich thu a-mach na camagan a-nis airson dèanamh cinnteach gu bheil am freagairt ceart.

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Factaraich 6a - 9

Mar sin 's e 3 am Factar Cumanta as Àirde (FCÀ).

6a - 9 = 3(2a - 3)

Question

Factaraich 15 + 10x

= 5(3 + 2x)

Question

Factaraich x^{2}+5x

'S e x am factar cumanta.

=x(x+5)

Question

Factaraich 3{a^2} - 12a

'S e 3a am factar cumanta.

= 3a(a - 4)

Question

Factaraich 20xy - 6x

= 2x(10y - 3)

Question

Factaraich 20{y^2} - 5y

= 5y(4y - 1)