A' toirt chamagan air falbh

Airson a bhith a' toirt chamagan air falbh, iomadaich an teirm air taobh a-muigh na camaig le gach teirm taobh a-staigh nan camagan.

Canar Lagh an Sgaoilidh ris a' phròiseas a tha a' toirt nan camagan air falbh.

Thoir sùil air a' chaibideil Nàiseanta 4 Lagh an Sgaoilidh mus lean thu ort.

An seo, tha sinn a' cur còmhla iomadachadh a-mach chamagan agus cruinneachadh theirmean co-choltach airson abairtean ailseabrach a shìmpleachadh.

Coimhead air na ceistean gu h-ìosal.

Question

Meudaich agus sìmplich:

3(x + y) + 2(x + y)

= 3x + 3y + 2x + 2y

= 5x + 5y

Question

Meudaich agus sìmplich:

4(2p + 7) + 6(8q - 2)

= 8p + 28 + 48q - 12

= 8p + 48q + 16

Question

Meudaich agus sìmplich:

9(2x + 3) - 3(5x + 1)

= 18x + 27 - 15x - 3

= 3x + 24

Question

Meudaich agus sìmplich:

5(3p+2) -2 (4q+3)

=15p+10-8q-6

=15p-8q+4

Eisimpleirean le co-èifeachd-x

1. Thoir air falbh na camagan san abairt:

4x(x + 5)

Tha an abairt seo a' ciallachadh gu bheil a h-uile dad taobh a-staigh nan camagan air iomadachadh le 4x.

= (4x \times x) + (4x \times 5)

= 4{x^2} + 20x

2. Iomadaich a-mach na camagan ann an 3a(2a + 1):

= (3a \times 2a) + (3a \times 1)

= 6{a^2} + 3a

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question

Iomadaich a-mach na camagan ann an 5y(3 - y)

= 15y - 5{y^2}

Question

Thoir na camagan air falbh bho 4w(3w - 2y)

= (4w \times 3w) - (4w \times 2y)

= 12{w^2} - 8wy