Ceart-cheàrnaich

San earrainn seo obraichidh sinn a-mach meud nan ceàrnan ann an cumadh ceithir-thaobhach.

Thoir sùil air Nàiseanta 4 Ceàrnan mus lean thu ort.

Eisimpleir

Anns a' cheart-cheàrnach seo, tha fios againn air ceàrn a tha 70^\circ. Dè an luach a tha aig x^\circ?

Diagram of 4 triangles made into a square with 70° angle and x° angle

Freagairt

Faodaidh sinn luach x^\circ obrachadh a-mach mar seo:

Feumaidh gur e luach a' cheàirn eile aig a' cheàrn cheart 20^\circ.

'S e triantan co-chasach a tha aig a' mhullach agus mar sin tha ceàrn eile ann de 20^\circ.

Tha na trì ceàrnan, triantan, a' tighinn gu 180^\circ

Mar sin 20+20=40

180-40=140

Mar sin x^\circ=140

Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.

Question
Diagram of a kite with 40° angle and y° angle

Airson na h-iteileig seo, tha ceàrn againn de 40^\circ. Dè an luach a tha aig y^\circ?

Obraichidh sinn a-mach luach y^\circ mar seo:

Tha na trastain a' coinneachadh aig ceàrnan ceart agus tha fios againn mar sin gu bheil ceàrn de 90^\circ againn.

Tha na trì ceàrnan ann an triantan a' dèanamh 180^\circ.

Mar sin feumaidh gu bheil ceàrn de 50^\circ ann am mullach clì an triantain.

'S e loidhne-cothromachaidh a tha san trastan fhada agus mar sin tha y^\circ  = 50^\circ

Question

Obraich a-mach x^\circ air an iteileig gu h-ìosal.

Diagram of a kite with 87° angle, 52° angle and x° angle

Bhon a tha fios againn gur e iteileag a tha seo, tha fios againn bho fheartan iteileig gu bheil an ceàrn mu choinneamh 87^\circ cuideachd aig 87^\circ.

Mar sin 's urrainn dhuinn x^\circ obrachadh a-mach mar seo:

87^\circ+87^\circ+52^\circ=226^\circ

360^\circ-226^\circ=134^\circ

x^\circ=134^\circ