A' cruinneachadh gu figearan brìgheil

Mar as trice, 's e figearan brìgheil figear sam bith seach neoni.

'S àbhaist dhuinn a bhith ag ràdh nach eil neonithean brìgheil, ach a-mhàin ann an dà shuidheachadh:

  1. Mas e neoni am figear mu dheireadh an dèidh na puing dheichich
  2. Ma tha an neoni eadar dà àireimh neo-neoni

Mar eisimpleir:

Tha 2 fhigear bhrìgheil aig 8300

Tha 3 figearan brìgheil aig 8030

Tha 3 figearan brìgheil aig 803

Tha 3 figearan brìgheil aig 80.3

Tha 3 figearan brìgheil aig 8.03

Tha 3 figearan brìgheil aig 0.803

Tha 4 figearan brìgheil aig 803.0

Tha 4 figearan brìgheil aig 0.8030

Question

Cruinnich 5246 gu 2 fhigear bhrìgheil.

'S e 5 agus 2 a' chiad dhà fhigear brìgheil. Seach gur e 4 an ath fhigear, bidh 2 a' fuireach mar a tha e.

Mar sin bidh 5246 a' cruinneachadh gu 5200 gu 2 fhigear bhrìgheil. (Cuimhnich gum feum sinn neonithean a chur ann gus an àireamh a chumail a' tòiseachadh le còig mile.)