Geàrr-iomradh air dèanamh cho-dhùnaidhean ann an Alba

'S e deamocrasaidh a tha san Rìoghachd Aonaichte (RA). 'S e dùthaich a th' ann an deamocrasaidh anns am bi daoine a' taghadh an riaghaltais aca. Tha cus dhaoine san RA airson am beachd fhaighneachd dhaibh, agus cus cho-dhùnaidhean ri dhèanamh, agus mar sin, tha riochdairean air an taghadh airson co-dhùnaidhean a dhèanamh. Tha riochdairean a' gabhail a-steach Buill Phàrlamaid (BP), Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) agus comhairlichean ionadail.

Seach gu bheil Alba mar phàirt dhen Rìoghachd Aonaichte, bidh cuid de cho-dhùnaidhean a thaobh dè thachras ann an Alba air an dèanamh ann am Pàrlamaid na RA ann a' Westminster, Lunnainn. Ach bho 1999, tha cuid de cho-dhùnaidhean air an dèanamh do dh'Alba ann am Pàrlamaid na h-Alba ann a' Holyrood ann an Dùn Èideann.

Carson dà phàrlamaid?

Tha Alba air a bhith na pàirt dhen Rìoghachd Aonaichte bho 1707, ach ghlèidh i riamh a fèin-aithne. Mar eisimpleir tha an aon chànan agus an aon airgead ann an Alba 's a tha sa chòrr dhen RA, ach tha a siostaman lagha is foghlaim fhèin aice.

Anns an aon dòigh, faodaidh daoine à Alba a bhith mar phàirt de sgioba Oilimpigeach Bhreatainn, ach tha cuideachd sgiobaidhean Albannach fa leth ann am ball-coise is ann an rugbaidh.

Air sgàth na fèin-aithne sin, tha mòran gam faicinn fhèin mar Albannaich agus mar Bhreatannaich. Anns na trithead agus na ceathrad bliadhna mu dheireadh, tha barrachd Albannach gam faicinn fhèin mar Albannaich seach mar Bhreatannaich. Mar sin tha barrachd iarrtais ann airson barrachd cho-dhùnaidhean mu Alba a bhith air an dèanamh ann an Alba seach ann am Pàrlamaid na RA ann an Lunnainn. Canaidh sinn fèin-riaghladh ris an t-siostam sa bheil barrachd cumhachd aig Alba gus co-dhùnaidhean a dhèanamh.

Carson a chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh?

Ann an 1997 chaidh Riaghaltas Làbarach a thaghadh san RA agus bha iad air fèin-riaghladh a ghealltainn do dh'Alba. Ach mus b' urrainn dhaibh Pàrlamaid Albannach a stèidheachadh, chaidh referendum (bhòt air aon chuspair) a chumail. Ann an 1998, bhòt a' mhòr-chuid (74%) de dh'Albannaich airson Pàrlamaid Albannach. Air 1 Iuchar 1999, dh'fhosgail Pàrlamaid na h-Alba ann a' Holyrood.