Cùirtean na h-Alba

Tha siostam lagha fa leth aig Alba. Tha na diofar chùirtean ann an Alba a' dèiligeadh ri diofar seòrsachan chùisean, a rèir dè cho dona 's a tha an eucoir. 'S e murt agus eucoir fòirnearteach an eucoir as miosa.

Cùirtean na h-Alba - Àrd-chùirt a' Cheartais, Cùirt an t-Siorraim agus A' Chùirt Sgìre agus na h-eucoirean leis am bi iad a’ dèiligeadh

Airson eucoirean nas trom-chùisiche, thathas a' cleachdadh diùraidh air a thaghadh gu tuairmeach de dhaoine san dùthaich a tha nas sine na 18. 'S iad buill an diùraidh a bhios a' co-dhùnadh a bheil an neach a tha fo chasaid ciontach no nach eil. 'S e obair A' Chrùin, no an luchd-casaid, dearbhadh seachad air teagamh reusanta gu bheil an neach a tha fo chasaid ciontach. Tha an neach a tha fo chasaid neoichiontach gus an tèid a dhearbhadh gu bheil e ciontach. Airson dearbhadh gu bheil e/i/iad ciontach, feumaidh a' mhòr-chuid dhen diùraidh a bhith ag aontachadh leis a' cho-dhùnadh. Tha còig duine deug a' suidhe air diùraidh ann an Alba.

Faodaidh cùirtean na h-Alba trì co-dhùnaidhean a ruighinn: aon a tha a' ciallachadh gun tèid binn a thoirt seachad ('ciontach'), agus dhà a tha a' ciallachadh nach tèid - 'neoichiontach' agus 'gun dearbhadh'.

Tha co-dhùnadh gu bheil iad 'ciontach' a' ciallachadh gu bheil a' mhòr-chuid dhen diùraidh, an dèidh dhaibh am fianais gu lèir a chluinntinn, dhen bheachd 'seachad air teagamh reusanta' gu bheil neach ciontach dhen chasaid agus thèid a dhìteadh da rèir.

Neach-tagraidh a' dèanamh òraid ri diùraidh sa chùirt
Neach-tagraidh a' dèanamh òraid ri diùraidh sa chùirt

Tha co-dhùnadh gu bheil iad 'neoichiontach' a' ciallachadh gu bheil a' mhòr-chuid dhen diùraidh, an dèidh dhaibh am fianais gu lèir a chluinntinn, dhen bheachd nach do rinn iad an eucoir. Tha seo a' ciallachadh gu bheil an neach saor agus nach tèid am peanasachadh.

'S ann an Alba a-mhàin a tha an co-dhùnadh 'gun dearbhadh'. Tha an co-dhùnadh seo na adhbhar connspaid. Tha an co-dhùnadh seo a' ciallachadh gu bheil an diùraidh, math dh'fhaodte, a' creidsinn gun do rinn an neach a tha fo chasaid an eucoir, ach nach eil fianais gu leòr ann airson a dhìteadh.

Àrd-chùirt a' Cheartais

'S e an Àrd-chùirt an cùirt-eucoir as àirde ann an Alba. Tha Àrd-chùirtean a' suidhe ann an Dùn Èideann, Glaschu agus Obar Dheathain far a bheil na togalaichean stèidhchte aca. Bidh an Àrd-chùirt a' dèiligeadh ri na h-eucoirean as miosa leithid brathadh, murt, èigneachadh, mèirle le gunna, reic dhrogaichean agus eucoir co-cheangailte ri feise le clann. Leis gu bheil uimhir de dh'fhianais air a thoirt seachad, faodaidh cùis lagha aig an Àrd-chùirt leantainn grunn sheachdainean, no fiù 's mìosan.

Cùirt an t-Siorraim

Tha Cùirtean Siorraim air feadh Alba gus dèiligeadh ri eucoir a tha ro throm-chùiseach airson Cùirtean Sgìreil, ach nach eil dona gu leòr airson na h-Àrd-chùirt. Ach, ma tha fianais ùr chudromach a' nochdadh, faodaidh cùirt an t-Siorraim cùis lagha a ghluasad chun na h-Àrd-chùirteach.

A' Chùirt Sgìre

Aig an ìre as ìsle de chùirtean eucoir, bidh a' Chùirt Sgìre a' dèiligeadh ri daoine a tha air eucoir bheag a dhèanamh, leithid goid, briseadh na sìthe, ionnsaighean nach eil ro bhorb agus eucoirean dràibhidh nach eil ro chunnartach.

Bidh aon neach no dithis aig a bheil dreuchd mar Mhaoir-ceartais a' cumail smachd ann an Cùirtean Sgìre. Tha iad gun teisteanasan san lagh agus bidh iad a' gabhail comhairle bho neach-comhairle laghail. Ann an Cùirt Sgìre Ghlaschu a-mhàin, faodaidh Britheamh Stipendiary suidhe. 'S e 12 mìos sa phrìosan no càin-airgid suas ri £10,000 am binn as truime as urrainn do Bhritheamh Stipendiary, aig a bheil teisteanas san lagh, a thoirt seachad. Faodaidh Maor-ceartais eile daoine a chur dhan phrìosan airson suas ri 60 latha agus faodaidh iad càin airgid suas gu £2,500 a thoirt seachad.

Sàr Chùirt na RA

Tha Alba na pàirt dhen RA agus 's e Sàr Chùirt na RA (Supreme Court) an cùirt as àirde san dùthaich. Faodaidh neach a tha air a dhìteadh ann an Alba ath-thagradh a dhèanamh chun a' chùirt seo airson cùis lagha eile a chur air bhonn.