Spòrs

Leugh an earrann agus feuch air na ceistean.

Tha cluiche na phàirt chudromach de nàdar an duine. Bho chionn linntean, ged a bha daoine trang, tha iad air a bhith a’ deilbh ghnìomhan spòrsail airson toileachas fhaotainn dhaibh fhèin agus do chàch. Bha geamannan no spòrs an toiseach stèidhichte air sealg no air daoine a bhith a’ cruinneachadh còmhla.

Bha iasgach, gu sònraichte le slat, driamlach agus dubhan air a mheas mar spòrs. Tha an t-iasgach cho sean ri comas dhaoine air cobhartach a ghlacadh agus innealan a chleachdadh. Glè thric b’ e spòrs aon-neach a bha san iasgach, agus gu ìre mhòir is ann mar sin a tha e fhathast. Agus bha spòrs uaireigin saor bho chiont ’s bho chunnart.

Bhiodh e doirbh smaoineachadh mu spòrs gun fèis mhòr nam Geamannan Oilimpigeach ainmeachadh. San t-seann Ghrèig bha an fhèis ga cumail a h-uile ceithir bliadhna, le co-fharpaisean spòrsa, ciùil agus litreachais. Ach nuair a fhuair an Ròimh smachd air a’ Ghrèig, chrìon na Geamannan. San naoidheamh linn deug chaidh an ath-nuadhachadh, agus tha geamannan geamhraidh gan cumail a-nis cuideachd. Is e mòr-shealladh sònraichte a tha annta, le dùthchannan a’ strì an aghaidh a chèile airson an cumail agus airson buinn a chosnadh.

Sa chumantas an-diugh, tha airgead mòr an lùib spòrs, air àireamh ann am milleanan de notaichean, agus gu dearbha tha e air gluasad air falbh gu mòr bho chur-seachad. Theireadh cuid gur mòr am beud. Tha na cluicheadairean, gu sònraichte ann am ball-coise sna sgiobaidhean as motha, a’ cosnadh airgead mòr. Cuideachd, dh’fhaodadh sinn a ràdh nach e spòrs a tha sin, ach dreuchd le deagh thuarastal. Mar eisimpleir, is fhada bho ghluais ball-coise bho ghillean a bhith a’ breabadh bàlla ann an cùl-shràidean nam bailtean no air achaidhean gorma a dh’fhaodadh a bhith ri làimh – b’ e sin fìor chur-seachad a bha math do shlàinte nan òganach.

A rèir coltais, tha craoladairean agus buidhnean-craolaidh a’ smaoineachadh gu bheil am mòr-shluagh air am beò-ghlacadh le spòrs. Uaireannan, chan eil taghadh againn a thaobh dè chì sinn air telebhisean oir tha ball-coise no rugbaidh no rudeigin ga shealltainn aig an aon àm air na seanailean ‘cumanta’, agus sin fad uairean a thìde. Bidh na prògraman ris an robh sùil againn air an cur dheth airson àite a dhèanamh do spòrs. Carson nach eil seanail ann a dh’aon ghnothaich airson spòrs? (Chan eil seanailean saideil againn uile!)

Tha sinn a’ faighinn spòrs eadhon air na naidheachdan. Bidh cuimhne aig feadhainn nuair a bhuannaich Sasainn duais air choreigin ann an criogaid eadar-nàiseanta. B’ e sin prìomh naidheachd an latha anns na meadhanan craolaidh, a dh’aindeoin chogaidhean is stailcean is thubaistean a bha a’ gabhail àite nar rìoghachd fhìn agus air feadh an t-saoghail. Bhiodh naidheachd spòrsa freagarrach gu leòr mar shanas-buinn aig crìoch nan naidheachdan. Ach chuala sinn cuideachd, airson an gnothach fhìreanachadh ma b’ fhìor, gu bheil duaisean spòrsa eadar-nàiseanta a’ toirt togail do mhuinntir na dùthcha a tha air an riochdachadh le na cluicheadairean. Is dòcha gu bheil do chuid, ach is teagmhach gu bheil don mhòr-shluagh. Agus dè an togail a gheibh sinn bho gheama ball-coise eadar Outer Mongolia agus Bulgàiria air an telebhisean? Is cinnteach nach eil sinn air bhioran airson faighinn a-mach cò de na sgiobaidhean sin a bhuannaich!

Bheir cuid den luchd-cunntais gàire oirnn. Is dòcha gum bi cuimhne againn mun fhear a bha a’ dèanamh cunntas air rèis chàraichean, nuair thuirt e gun robh x dìreach air cùlaibh y (rud a chitheadh sinn co-dhiù!) agus gun robh an dà chàr dìreach co-ionann ri chèile ach a-mhàin gun robh an càr aig y gu tur eadar-dhealaichte bhon char aig x. No, mar a thuirt fear eile, ma bhris an cluicheadair a chas nach b’ urrainn dha cumail air a’ cluiche.

Tha spòrs a’ ciallachadh mòran do thòrr dhaoine. Bidh feadhainn a’ siubhal air feadh an t-saoghail airson taic a chur ri sgioba. Ach aig amannan chan eil deagh chliù aig cuid dhiubh, eadar aimhreit is deoch làidir, agus chan eil sin idir math. Chan eil e furasta a thuigsinn dè an sàsachadh a gheibh iad bhon dol-a-mach sin, oir feumaidh gu bheil iad a’ faighinn sàsachadh air choreigin. Ach tha daoine eile ann agus chan eil fa-near dhaibh ach deagh gheama fhaicinn, seach gu bheil ùidh aca sa ghnothaich. Ar beannachd aig an leithid! Chan eil teagamh nach eil iad a’ faicinn nan cluicheadairean mar ghaisgich, ged a leigeas cuid de chluicheadairean sìos iad fhèin, an sgioba agus an dùthaich le droch ghiùlan.

Tha spòrs glè mhath na àite fhèin, ged nach eil a h-uile càil a tha co-cheangailte ris cho buadhach. Tha e cudromach nach bithear ga sparradh air daoine nach eil ga iarraidh, agus nach bi sinn mar ghlasraich air beulaibh an telebhisein gach uair a smaoinicheas na h-urrachan mòra gu bheil e feumail dhuinn.

Uaireigin bha spòrs gu dearbha a’ ciallachadh rudeigin eile. B’ e fealla-dhà a bha ann. Is dòcha gur i a’ ghnè sin a bheireadh toileachas don mhòr-chuid, oir sa chumantas bha i fillte ann an neochiontas – rudeigin coltach ris an iasgach shìtheil a ghabhas àite fhathast aig bruaichean ar n-aibhnichean.

Lean ort chun nan ceistean air an ath dhuilleig.