Iomairt an aghaidh àrdachaidh ann am faraidhean bathair

A' choinneamh
Image caption Tha luchd-bathair draghail nach deach co-chomhairleachadh ceart a chumail

Thàinig rabhadh gur e buille bàis a bhiodh ann do dh'eaconamaidh nan Eilean Siar nan cuireadh an Riaghaltas às do RET do làraidhean mòra bathair.

Chruinnich luchd-bathair agus riochdairean gnìomhachais Diluain airson a' chùis a dheasbad.

Thuirt iad gun gabhadh airgead a lorg airson an sgeama a chumail a' dol.

Thuirt iad cuideachd nach deach conaltradh ceart a chumail air a' chùis.

Gearradh air ais

Chaidh a' choinneamh a chumail eadar diofar eileanan le ceangal bhideo beò eatorra.

Às aonais an lùghdachaidh a tha an luib RET, chosgadh e 120% a bharrachd làraidh a chur thar an aiseig.

Gheall BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gun dèan esan follaiseach do Riaghaltas na h-Alba cho fada an aghaidh a bhith a' cur às do RET do làraidhean 's a tha gnìomhachas agus luchd-bathair anns na h-Eileanan.

"Bha e soilleir dè na beachdan a bh' aig daoine a tha a' cleachdadh nan làraidhean," thuirt Mgr Allan.

"Bha iad gu math geur gum faigheadh iad a-mach dè an siostam a bhiodh ann san àm ri teachd, agus tha mise geur gum bi an siostam sin cothromach.

"Bha argamaid làidir ann, nam biodh lùghdachadh ri fhaighinn, gum biodh an aon seòrsa lùghdachaidh aig a h-uile duine.

"Bha e soilleir gu bheil na companaidhean a bha aig a' choinneimh a' faireachdainn nach robh conaltradh gu leòr ann, agus canaidh mi sin ris an Riaghaltas," thuirt e.

Chosgadh e £1.5m RET a chumail, agus nochd beachd gum bu chòir coimhead ri cunntasan Chal Mac fhèin.

Fhuair luchd-obrach na companaidh àrdachadh pàighidh de 11%.

"Nuair a sheallas tu anns an fharsainneachd ri càil sam bith, feumaidh tu coimhead càit an gabh sàbhalaidhean a dhèanamh," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Tha mi cinnteach às gum faigheadh iad air dòigh fhaighinn air na h-aiseagan a ruith gu math nas saoire na tha iad, ri linn agus nuair a sheallas sinn ris an àrdachadh a tha sin agus a h-uile duine anns an roinn phoblaich gun àrdachadh fhaighinn airson dà bhliadhna," thuirt e.

Tha dragh air mòran gun toir na tha an Riaghaltas a' moladh buaidh leantainneach air mar a bhios companaidhean ag obair anns na h-Eileanan Siar.

"Tha mise a' smaoineachadh gun robh suas ri 40 companaidh an seo," thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas Mac Ille Mhaoil.

"Bha a h-uile duine aca ag ràdh gum feumadh iad daoine a chur dheth, gum feumadh iad gearradh air ais air an obair a tha iad a' dèanamh, agus nach b'urrainn dhaibh leantail orra.

"Sin agad a' bhuaidh a bhios aige seo air na h-Eileanan an Iar.

"Tha daoine a-nise a' faicinn dè bhiodh e a' ciallachadh, agus a' bhuaidh a bheireadh e air a h-uile taigh anns na h-Eileanan, agus chan eil daoine air a shon ann an dòigh sam bith," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile