Nì an OFT sgrùdadh air prìs a' chonnaidh sna h-Eileanan
- Published
Tha Oifis na Malairt Cothromaich (OFT) a' dol a dhèanamh rannsachaidh air prìs a' chonnaidh anns na h-Eileanan an Iar.
Tha gearainean air nochdadh tric is minig mu cho àrd 's a tha prìs a' chonnaidh anns na h-Eileanan an taca ri sgìrean eile den dùthaich.
Thog BP nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, an gnothach ri Rùnaire na h-Alba, Michael Moore.
Thuirt Mgr MacNìll gu bheil Mgr Moore a-nise air dearbhadh gun tèid an OFT an-sàs sa ghnothach.
Tha e coltach gum bi an rannsachadh deiseil ro dheireadh na bliadhna.
Dh'iarr Mgr MacNìll gur e sgrùdadh farsaing a bhios ann agus tha e a' cumail a-mach gur dòcha gun toir e buaidh air prìsean fiù 's mus bi an rannsachadh seachad.
"Tha fios aig na companaidhean gu bheil sgrùdadh a' dol agus bidh e inntineach fhaicinn dè dìreach a tha a' tachairt ri prìsean aig na pumpaichean, an taca ri Tìr Mòr, anns na mìosan a tha romhainn," thuirt e.
Dhearbh Riaghaltas Westminster roimhe gum bi eileanan na h-Alba an lùib sgeama pileat airson connadh nas saoire a thoirt do sgìrean iomallach.
Thèid 5sg a ghearradh far prìs gach liotair bhon 1mh là den Mhàirt.
Nochd casaidean an-uiridh gun robh cuid de chompanaidhean a' cur prìs a' chonnaidh suas 5sg gus nach toireadh an sgeama buaidh idir orra.