Dìth sheirbheisean a' call òrdan

MV Mùirneag
Image caption Chaidh am Mùirneag fhastadh a dh'aona-ghnothach son làraidhean bathair a ghiulain.

Tha companaidhean ann an Leòdhas a' gearain gu bheil iad a' call òrdan agus airgid le cho tric 's a tha am bàta-bathair, am Mùirneag, air a bhith na tàmh bho chionn ghoirid.

Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn nach do sheòl an aiseag ach dusan turas bho thill i san Dùbhlachd.

Bha obair leasachaidh ga dèanamh oirre sa Phòlainn.

Dh'iarr CalMac gun deadh an leisgeul a ghabhail airson an duilgheadais a th' air a bhith ann leis an t-seirbheis.

Mì-thoileachas

Bidh am Mùireag a' seòladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul tron oidhche.

Chaidh an t-seirbheis a' stèidheachadh a dh'aona-ghnothach do luchd-bathair.

Ach tha mì-thoileachas ann le ìre na seirbheis.

Bho thill i air 20mh an Dùbhlachd chaidh an t-aiseag a chur dheth 12 turas ri linn na droch thìde.

Chaidh a chur dheth ochd tursan eile air sgàth thrioblaidhean teicnigeach.

Cha do sheòl i ach 12 turas.

Chan eil companaidhean a tha an urra ris an t-seirbheis seo, airson gnothaichean fhaighinn gu Tìr Mòr, idir toilichte.

A' call òrdan

Bhruidhinn BBC Naidheachdan ri dà chompanaidh a bhios a' reic fheusgan.

Tha an dà chompanaidh a' cur stuth a dh'Inbhir Nis neo Glaschu agus bidh làraidhean eile gan coinneachadh airson an luchd aca thoirt gu ceann a deas Shasainn.

Mur an seòl am Mùirneag cha tèid aca air stuth fhaighinn chun nan làraidhean seo, agus le sin chan fhaigh iad an t-airgead a bha iad a' sùileachadh son an òrdain.

Thuirt aona chompanaidh gun do chaill iad òrdugh.

Dh'innis companaidh dhaibh nach b'urrainn dhaibh cumail orra a' ceannach bhuapa leis nach robh cinnt ann gum faigheadh iad an stuth.

Tha an dà chompanaidh eileanach ag ràdh nach eil an t-aiseag eile à Leòdhas, an Isle of Lewis, agus aiseag na Hearadh freagarrachadh dhaibh.

Aiseag Ùr

Dh'aidich CalMac nach eil ìre na seirbheis bhon Mhùirneag air a bhith aig an ìre a bu mhiann leis an luchd-cleachdaidh sna beagan sheachdainnean mu dheireadh.

Tha am Mùirneag aig CalMac air màl agus thuirt iad gu bheil iad air leigeil fhaicinn dhan chompanaidh leis a bheil i nach eil iad idir toilichte leis na trioblaidean teicnigeach a th' air a bhith ann bho chionn ghoirid.

Ach thuirt iad nach robh càil ann a b'urrainn dhaibh a dhèanamh mun droch shìde.

Bidh am Mùirneag aig CalMac air màl gu ruige an Damhair 2013.

Thèid i an uair sin a-mach à seirbheis.

Tha dùil aig Cal Mac aon bhàt-aiseig mòr a chur air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul a bhios a' giulain chàraichean agus làraidhean.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile