Seirbheis ùr ga cur air dòigh son sgoilearan a' Phluic

Stèisean a' Phluic
Image caption Ruigidh an t-seirbheis ùr Stèisean a' Phluic aig 08:27m, treis mus tòisich an là-sgoile.

Dh'aontaich ScotRail seirbheis eadar-amail a stèidheachadh gus sgoilearan fhaighinn gu Àrd-Sgoil a' Phluic ro 09:00m.

Tha dùil gum bi seach-rathad an t-Sròim dùinte co-dhiù mìos eile agus chaidh seirbheis-aiseig a stèidheachadh gus clann-sgoile fhaighinn dhan Phloc.

Cha robh an rèile freagarrach dhaibh oir fon chlàr-ama àbhaisteach aig ScotRail cha bhi a' chiad sheirbheis trèana den là a' ruighinn a' Phluic gu as dèidh 11:00m.

Bho Dhiluain bidh trèana a' fàgail Inbhir Nis aig 06;12m a' dol gu ruige Caol Loch Aillse, a' stad sa Phloc aig 08:27m.

Bidh an t-seirbheis saor dha na sgoilearan agus faodaidh luchd-siubhail eile a dhol oirre cuideachd, ged a bhios cosgais ann dhaibhsan.

Bidh aig na sgoilearan fhathast ris am bàta-aiseig a chleachdadh air an t-slighe dhachaigh aig deireadh an là-sgoile.

Rinn Ministear na Còmhdail, Cèith Brown, moladh air a' cho-obrachadh eadar ScotRail is Comhairle na Gàidhealtachd gus an t-seirbheis ùr a stèidheachadh.

Thuirt e gu bheil obair a' leantainn airson fuasgladh maireannach fhaighinn dha na trioblaidean aig seach-rathad an t-Sròim.

Thathas an dùil aig an ìre seo gum bi an t-seirbheis ann son eadar ceithir is sia seachdainean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile