Cùmhnant ùr do luchd-obrach SAS

Mandy NicMhathain Image copyright PA
Image caption 'S e bàs Mandy NicMhathain a dh'adhbhraich am buaireadh mu amanan foise.

Fhuairear fuasgladh air an eas-aonta mu chriubhaichean charbadan-eiridinn a bhith a' freagairt bhrathan-èiginn nuair a tha iad a' gabhail fois.

Fon aonta ùr thèid uairean obrach nan criubhaichean a ghiorrachadh.

Bidh iad a-nis ri fhaotainn son brathan-èiginnn a fhreagairt aig àm sam bith taobh a-staigh nan uairean ùra.

Thèid 150 neach a bharrachd fhastadh son am beàrn a dh'adhbhraicheas an t-aonta ùr a lìonadh.

Uairean Ùra

Tha an luchd-obrach an-dràsta ag obair 40 uair de thìde san t-seachdain.

Anns an ùine sin gheibh iad 2.5 uair de thìde fois gun phàigheadh.

A-nis bidh an luchd-obrach ag obair 37.5 uair de thìde san t-seachdain agus tha amanan fois am measg sin.

Dh'èirich buaireadh an dèidh bàs Mandy NicMhathain à Tom an t-Sabhail san Damhair 2010.

Cha deach neach-obrach eiridinn a bha a' fuireach faisg air a dachaigh a dhèanamh cobhair oirre agus e a' gabhail fois aig an àm.

Bha fios aige mun ghairm-èiginn, ach cha deach iarraidh air gu foirmeil a dhol ann.

Buannachd Ionmhais

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon, gu bheil an t-aonta ùr a' ciallachadh gun tèid airgead a bharrachd a chosg air an t-seirbheis eiridinn, seach a bhith a' toirt suimean a bharrachd do dhaoine a tha ag obair dhan t-seirbheis mar tha.

"Chan fhaigh neach-obrach sam bith buannachd ionmhais nuair a thèid orra gairm-èiginn a fhreagairt 's iad a' gabhail fois," thuirt Ms Sturgeon.

Chuir bràthair Mandy NicMhathain, Teàrlach, fàilte air an naidheachd.

Thuirt e gu bheil e toilichte gun deach aonta a ruighinn agus gum bi e a' sgrùdadh a' chùmhnant faic cia mheud luchd-obrach ùr a thèid fhastadh son sgìrean dùthchail.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile