Gainnead thagraichean airson Coimisean ùr na Croitearachd

Image caption Bidh cuid de na coimiseanairean air an taghadh leis an Riaghaltas.

Tha nas lugha na seachdain air fhàgail aig croitearan an ainmean a chur air adhart airson a dhol air Coimisean ùr na Croitearachd, agus 's e glè bheag a rinn sin thuige seo.

Tha an Riaghaltas ag iarraidh gum bi farpais ann airson àiteachan air a' Choimisean.

Ach tha cunnart ann gum bi aig an Riaghaltas fhèin ri coimiseanairean a thaghadh mur a tig daoine air adhart anns a h-uile sgìre.

Dùinidh an clàr airson tagraichean air Diardaoin 26mh am Faoilleach.

Tha sia sgìrean ann anns am bi taghaidhean air an cumail, le aon Choimiseanair gan taghadh airson gach sgìre.

Bidh cuid de na Coimiseanairean air an ainmeachadh leis an Riaghaltas, fo Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd (Alba) 2010.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile