Talla Bhaile Inbhir Pheofharain an impis dùnadh mur a tèid a cleachdadh

Talla Bhaile Inbhir Pheofhrain Image copyright Other
Image caption Tha an togalach air a bhith mar thalla o chionn ceud bliadhna

Chuala muinntir Inbhir Pheofharain oidhche Ardaoin gum feum iad talla a' bhaile a chleachdadh ma tha iad airson a cumail.

Nochd còrr is 80 duine aig coinneamh anns a' bhaile, is dragh air mòran dhiubh gun robh a' Chomhairle airson an talla a reic air sgàth 's gu bheil i a' cosg barrachd airgid dhaibh a bhith ga ruith, na tha iad a' toirt a-steach air.

'S e togalach clàraichte a th' ann an Talla Bhaile Inbhir Pheofharain a tha stèidhichte an teis meadhan na h-Àrd-Shràid.

Tha i air a bhith air a cleachdadh mar Thalla a' Bhaile fad ceud bliadhna, ged a tha an togallach fhèin air a bhith ann nas fhaide na sin.

Crìonadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum feum rudeigin a bhith air a dheànamh leis agus iad a call cha-mhòr £40,000 sa bhliadhna.

Thar nam bliadhnaichean tha crìonadh air tighinn air an àireamh de luchd-cleachdaidh a th' air a bhith dol ann.

Tha seo leis gu bheil na h-uidhir do ghoireasan eile ri fhaotainn san sgìre.

Nochd fearg sa bhaile, ge-tà, nuair a chaidh moladh gum bu chòir dhaibh a reic.

Ged a thèid beachdan dhaoine às an sgìre a thionnal, bidh aig a' Chomhairle a-nis ri coimhead air na cosgaisean a bhiodh an lùib diofar leasachaidhean agus dè cho seasmhach 's a bhiodh iad sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile