Dualchas Lochlannach Inbhir Pheofharain ga thaisbeanadh

Long Fada Lochlannach
Image caption Bhiodh cùirt-lagha nan Lochlannach a' cruinneachadh ann an Inbhir Pheofharain o shean

Nochd planaichean airson dualchas Lochlannach Inbhir Pheofharain a thaisbeanadh aig làrach ùr sa bhaile.

Fhuair arc-eòlaichean o chionn ghoirid dearbhadh air far an robh seann àite cruinneachaidh nan Lochlannach - "Þingvöllr" (pàirce-phàrlamaid / cùirt-lagha) às an tàinig ainm Beurla a' bhaile, Dingwall.

Dheadh ionad fhosgladh air iomall na làraich sin, far a bheil raon-pàrcaidh a' Chromartie Memorial faisg air meadhan a' bhaile.

Thathas an dòchas gum brosnaich an t-ionad ùr turasachd anns an sgìre.

Pròiseact Eòrpach

Chaidh ainm Lochlannach a' bhaile a chur air as dèidh mar a chruinnich sluagh Lochlannach ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd san 9mh Linn AD.

Tha cuid a' cumail a-mach gur e fear Thorfinn Sigurdsson, Iarla Arcaibh, a stèidhich an t-àite cruinnichidh nuair a ghabh e smachd air Ros anns na 1030an, timcheall air àm Rìgh MhicBheatha.

Do na Gàidheil, b'e Inbhir Pheofharain a bh' air an àite, agus tha an dà ainm air a bhith ann le chèile o chionn fhada.

Thug Comann Eachdraidh Inbhir Pheofharain cùmhnant don chompanaidh OJT Heritage airson gnothaichean a thoirt air adhart.

Dheadh ionad fiosrachaidh ùr a stèidheachadh ann an seann taigh-beag poblach air oir an raoin-phàrcaidh.

Tha am pròiseact ùr a' tighinn as dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd taic a thoirt do shuidheachadh ùr baile Inbhir Pheofharain ann an iomairt THING - pròiseact Eòrpach gus turasachd agus fàs eaconamach seasmhach a bhrosnachadh ann an àiteachan le ceanglaichean làidir ris na seann Lochlannaich.

Mar phàirt den obair, nìthear obair-glèidhteachais cuideachd air an aon phàirt Mheadhan-aoiseach a th' air fhàgail de sheann eaglais pharaiste Inbhir Pheofharain, Crùisle an Naoimh Chlement.

Nìthear sgrùdadh cuideachd air na tha de ghoireasan dualchais ann an Ros an Ear.

Tha an Comann Eachdraidh airson 's gum bi pàirt mhòr aig a' phobal ann a bhith a' toirt ghnothaichean air adhart.

Tha iad ag iarraidh air daoine nas sine sa bhaile an cuid chuimhnichean air mar a bha cùisean timcheall air meadhan a' bhaile a thoirt seachad.

Tha ùidh shònraichte aca ann an seann dealbhan agus càirtean-puist den sgìre sin den bhaile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile