Tha Mervin Celik ann an Alba son deuchainean meidigeach

Lèine Rangers Image copyright Reuters
Image caption Tha an cluba air a bhith a' cumail sùil air Celik airson greis

Tha an cluicheadair Suaineach Mervan Celik ann an Glaschu airson deuchainean medigeach is e an ìmpidh gluasad gu Rangers.

Dh'fhàg Celik GAIS ann an Gothenburg ach thuirt Rangers gum feumadh an cluicheadair faighinn ro-dheuchainean medeigeach mus ruigeadh an dà bhuidhinn aonta mu chùmhnant.

A rèir làraich-lìn Rangers: "Tha an cluicheadair ri fhaighinn mar thoradh air saorsa cùmhant leis gu bheil a chùmhnant le Gothenburg air tighinn gu crìch."

Ach, tha e coltach gun iarradh Gothenburg airgead-dìolaidh mar phàirt de dh'aonta.

Thuirt Rangers, "a dh'aindeoin aithrisean, chan eil an cluicheadair air ainm a chur ri cùmhnant còmhla ris a' chluba ged a thig e a Ghlaschu Dihaoine airson deuchainean mus tèid aonta sam bith a rèiteach."

'Dh'innis Ally McCoist an t-seachdain seo chaidh gu bheil an cluba air a bhith a' cumail sùil air a' chluicheadair airson greis agus gun deach tagradh a dhèanamh air a shon."

Dh'aidich riochdaire Celik, Hasan Cetinkaya do STV gun do dh'aontaich an cluicheadair a dhol gu Rangers.

Thuirt Cetinkaya, "Tha sinn air aonta a ruighinn le Rangers ann am prionnsabal. 'S e cùmhnant trì bliadhna gu leth a th' ann."

"Tha mòran thagraidhean againn airson Mervan, dhà no trì tagraidhean deug bho chlubaichean bho lìogan mòra.

"Nuair a chaidh Mervan 's mi fhèin a Ghlaschu bho chionn mìos, ghabh sinn fìor dheagh shuim de Rangers agus de dh'Ally McCoist. B' e McCoist am prìomh adhbhar son na malairt a tha seo."