Air an aidhear
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha deasbud ann an Taigh nan Comantan an drasda air sgeama pileat fad tri bliadhna fo'n deidheadh na cleocaichean air feadh Bhreatainn a'chuir air adhart uair de thìde fad na bliadhna. Tha an fheadhainn a tha a' cur taic ris a' bhile a' ràdh gu'n gleidheadh an t-atharrachadh beatha leis gum biodh uair a thìde a bharrachd de sholas ann feasgar. Ach tha gearainean ann an Alba mu shabhailteachd anns a mhadainn far am biodh i dorcha na b'fhaide. Cha thachair dad gu'n cead Riaghltas na h-Alba, a tha gu ruige seo, a'cuir an aghaidh atharrachadh.

Chaidh rabhadh an rithist do Riaghaltas na h-Alba nacheil cumhachd aca, leotha fhein, referendum a'chumail air neo-eisimeileachd. Tha beachd a Mhorair Tagraidh, A Morair Wallace, ard oifigear an lagh aig Riaghaltas Westminster ann an Alba a'tighinn direach seachdainn mas fhoillsich Riaghaltas na h-Alba paipear conaltraidh le molaidhean 'son na bhot air neo-eisimeileachd.

Dh'fhoillsich an Riaghaltas ann a Westminster figearan a tha a'radh gu'r ann a duthchannan cein a thaing tri cheud agus tri fichead 'sa deich mile duine a tha a'tarraing shochairean cion-cosnaidh ann am Breatainn. Thuirt an Riaghaltas gu bheil a mhor chuid dhiubh airidh air taic ach gu'n dean iad an dichioll a'deiligeadh ri feadhainn nacheil.

Chaidh uard a' dhùnadh agus obair-lànnsa chùir dheth leis gu bheil an galair C Difficile air tighinn am follais ann an Ospadal a' RaigMhòr an Inbhir Nis. Tha seachdnar mar thà air a bhith fullang leis a ghalair. Thuirt Leas-stìuiriche an Ospadail, an Dotair Rod Harvey, gu bheil e mì-thoilichte mun doigh anns an do sgàp an galair - ach gu'n deach dèiligeadh ris gu sgiobalta.

Chaochail an treas leanabh le galair marbhteach aig ospadal ann am Beal Feairst. Tha beachd ann u bheil ceanmgal aig na bais aig Ospadal Rioghail Victoria ris a phuinnsean pseudomonas a tha a'g aobhrachadh, a measg rudan eile, triobaidean anaileach.

Le nas lugha na seachdainn air fhàgail aig croitearan an ainm a'chuir air adhart 'son r Coimisean ùr na Croitearachd tha dragh ann gu'r e glè bheag a tha air sin a dheanamh gu ruige seo. Tha an Riaghaltas a'suileachadh gu'm bidh farpais ann 'son aite air a Chomisean ur ach tha cunnart ann gu'n tig orra fhèin coimiseanaran a thaghadh mar a tig daoine air adhart anns a h-uile sgìre ro' dheireadh na seachdainn seo tighinn.

Chaidh rabhadh do mhuinntir Inbhir Pheofharain gu feum iad talla a' bhaile a chuir gu feum ma tha iad airson a cumail. Bha còrr's ceithear fichead duine aig coinneamh anns a' bhaile an raoir agus dragh ann gu bheil Comhairle na Gaidhealtachd 'son na talla a'reic leis gu bheil iad a' cosg barrachd airgid dha ruith na tha i a' toirt an stigh.