Atharrachaidh an clàr-ama airson aiseig Eilean Ghiogha

  • Air fhoillseachadh
Aiseig Eilean Ghiogha
Fo-thiotal an deilbh,
Am bàta-aiseig air an slighe a dh'Eilean Ghiogha

Thèid clàr-ama aiseig Eilein Ghiogha atharrachadh a dh'aithghearr 's obair a dhìth air cidhe Thaigh an Lòin.

Bidh seòlaidhean eadar-dhealaichte eadar an t-Eilean 's Tìr Mòr anns a' Ghearran 's anns a' Mhàirt.

Ach, bidh dàil anns an obair thar trì là, 's cuirmean sònraichte a' dol air an Eilean.

Bithear a' comharrachadh deich bliadhna bho ghabh a' choimhearsnachd smachd air.

Aonta leis na h-Eileanaich

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid gun tàinig iad gu aonta leis na h-Eileanaich mu na h-atharrachaidhean ri clàr-ama a' bhàta.

Bidh an clàr-ama ùr an-sàs gach Diluain, Diciadain, Diardaoin, Dihaoine 's Disathairne eadar an 6mh An Gearran agus an 29mh Am Màirt. 'S ann an uair sin a tha clàr-ama a' Gheamhraidh a' tighinn gu ceann.

Bidh dùnadh deireadh sheachdain ann cuideachd eadar an 28mh agus an 29mh Am Faoilleach, 's bidh seirbheis a' ruith a Cheann na Creige an uair sin. Mur a ceadaich an t-sìde sin, gluaisidh an dùnadh sin chun an 4mh 's an 5mh An Gearran.

Thuirt Labhraiche na Comhairle air Gnothaichean Dùthchail 's Eileanach, an Comhairliche Robin Currie, gun robh seo air a' cho-dhùnadh as ùire a rinneadh ann an co-bhann ris a' choimhearsnachd.

Ann am brath-naidheachd, thuirt an Comhairliche Currie: "Tha sinn air a h-uile càil a b'urra dhuinn a dhèanamh am maill a thèid a chur air daoine a tha a' cleachdadh an aiseig a lùghdachadh, 's rinneadh sin le bhith a' feuchainn ri dhèanamh cinnteach gu bheil iad an-sàs chun na h-ìre as motha 's as urrainn, anns an fhuasgladh eadar-amail."

Thug e taing dhan choimhearsnachd, 's thuirt e gum biodh duais ann aig a' cheann thall leis gum biodh seirbheis nas èifeachdaiche ann.

Deich bliadhna

Bidh trì là ann sa Mhàirt ge-tà, an 14mh, 15mh agus 16mh dhen mhìos, air nach bi an clàr-ama ùr eadar-amail a' ruith idir.

Tha sin air sgàth 's gum bi muinntir an Eilein a' comharrachadh deich bliadhna bho ghabh a' choimhearsnachd smachd air Giogha iad fhèin.

Ann an 2002, chosg e £4m dhan choimhearsnachd an t-eilean a cheannachd, as dèidh dhan uachdaran, Derek Holt, co-dhùnadh a reic.

Stèidhich am beagan 's ceud duine a bha a' fuireach air an Eilean aig an àm, urras Coimhearsnachd airson an tagradh aca a chur air adhart. Fhuair iad £3.5m not dhen airgead a bha a dhìth bho Stòras an Fhearainn - an cnap airgid as motha a bhathas air a thoirt seachad thuige sin.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt cathraiche Chomhairle Choimhearsnachd an Eilein, Uilleam MacSporain: "Tha mòran nas fheàrr na bha. Tha tuilleadh fiosrachaidh aig daoine a-nis mar a tha gnothaichean ag obrachadh".

Bidh an obair ag amas air leithid gainmhich a chumail bho bhith a' cruinneachadh aig a' chidhe, rud a tha an-dràsta a' cur maill air a' bhàta-aiseig aig amanan.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh