Càineadh ùr air mar a làimhsich SNH SAC Bharraigh
- Air fhoillseachadh
Tha aithisg a dh'ullaich eòlaiche saidheans do Chomhairle nan Eilean Siar a' càineadh mar a làimhsich Dualchas Nàdair na h-Alba molaidhean airson sgìre ghlèidhte mara (SAC) a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh.

Tha aithisg Iain Mhitchell ag ràdh nach b' e saidheans a bh' air cùl nam molaidhean agus gu robh SNH ag atharrachadh an fhiosrachaidh a-rèir nam beachdan aca fhèin.
Tha i cuideachd a' fàgail air a' bhuidhinn nach do chum iad fiosrachadh ris a' choimhearsnachd fhad 's a bha an gnothach ga rannsachadh.
Chaidh SNH às àicheadh nan casaidean 's iad ag ràdh gu robh iad air na dòighean-obrach a leantainn mar bu chòir.
Connspaid
Tha iasgairean Bharraigh a-measg na tha a' cur an aghaidh na sgìre glèidhte 's iomagain orra gun cuireadh e am beò-shlaint ann an cunnart.
Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Dòmhnall Manford, ag ràdh gu bheil e an dòchas gun atharraich an Riaghaltas am beachd air an SAC nuair a gheibh iad am fiosrachadh ùr seo.
"An rud as fheàrr do Riaghaltas sam bith 's e nuair a dh'aithnichear agus nuair a chì thu am fiosrachadh a chaidh a chur thugad nach eil e cho math 's bu chòir dha a bhith, gun dèan thu rudeigin mu dheidhinn", thuirt an Comh. Manford.
Thèid cùis SAC Bharraigh a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba 's am ball Tòraidheach Jamie MacGriogair air taic gu leòr fhaighinn airson deasbad a chumail.
Ged a tha SNH a' dol às aicheadh nach do lean iad na dòighean-obrach, agus nach do chum iad fiosrachadh ris a' phoball, tha iad a' gealltainn sùil a thoirt air na gnothaichean saidheansail air a bheil an aithisg a' togail.
Thèid am fiosrachadh a chruinnich Iain Mitchell a chur chun an Riaghaltais an cois na fianais eile mun bhuaidh a bheireadh an sgìre ghlèidhte air Barraigh.