BBC Naidheachdan

Rannsachadh bàis air deugaire a chaidh a dhìth

Published

Thèid rannsachadh bàis a dhèanamh an-diugh air corp deugaire a chaidh a dhìth an Inbhir Nis Disathairne.

Bha Scott Caimbeul, a bhuinneadh do sgìre Nis ann an Leòdhas, sia bliadhn' deug a dh' aois.

Chaidh fhaicinn mu dheireadh aig bùth-mhòr Tesco ann an sgìre nan Innseagan mu chòig uairean madainn Disathairne.

Lorgeadh a chorp ann an gàradh ann an Cùil Daothail an-dè.