Iarrtas Comhairle cuir às do phlana SAC son Bharraigh

Barraigh Image copyright bbc

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air Riaghaltas na h-Alba am plana airson sgìre SAC ann an Caolas Bharraigh a thilgeil às sa bhad.

Sgriobh a' chomhairle chun an riaghaltais an dè, is iad ag ràdh gun do rinn SNH mearachd bhunaiteach.

Thuirt iad nach do choimhead SNH air làraich eile nuair a bha a' beachdachadh air sgìre SAC a stèidheachadh.

Chaidh SNH às àicheadh nan casaidean 's iad ag ràdh gu robh iad air na dòighean-obrach a leantainn mar bu chòir.

Tha aithisg a dh'ullaich eòlaiche saidheans do Chomhairle nan Eilean Siar a' càineadh mar a làimhsich Dualchas Nàdair na h-Alba molaidhean airson sgìre ghlèidhte mara (SAC) a stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh.

Tha aithisg Iain Mhitchell ag ràdh nach b' e saidheans a bh' air cùl nam molaidhean agus gu robh SNH ag atharrachadh an fhiosrachaidh a-rèir nam beachdan aca fhèin.

Iomagain

Tha i cuideachd a' fàgail air a' bhuidhinn nach do chum iad fiosrachadh ris a' choimhearsnachd fhad 's a bha an gnothach ga rannsachadh.

Tha iasgairean Bharraigh a-measg na tha a' cur an aghaidh na sgìre glèidhte 's iomagain orra gun cuireadh e am beò-shlaint ann an cunnart.

Thuirt Tormod Dòmhnallach bho Chomhairle nan Eilean Siar nach eil duine airson dimeas a dhèanamh air an àrainneachd.

Ach thurt an comh. Dòmhnallach cuideachd gum faodadh an SAC seo bacadh a chur air leasachadh sam bith.

Thèid cùis SAC Bharraigh a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba 's am ball Tòraidheach Jamie MacGriogair air taic gu leòr fhaighinn airson deasbad a chumail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile