Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

24 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fiachan

Chaidh fiachan Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte os cionn trillean not son a' chiad uair riamh. Tha an àireamh sin ann a dh'aindeoin's gun do thuit ìre nam fiachan nas motha na bha dùil anns an Dùbhlachd.

Cairn Energy

Cho-dhùin companaidh a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann, Cairn Energy, a tha ri rannsachadh son ola, nach toir iad dà mhilean gu leth not de thurastal sònraichte dhan chathraiche an dèidh do luchd-earrain na companaidh cuir an aghaidh sin. Tha seo an dèidh do Riaghaltas Westminster molaidhean fhoillseachadh an-dè son smachd a chur air turastal mòr do cheannardan agus stiùirichean.

Sochairean

Tha an Riaghaltas ann an Westminster ag ràdh gun cum iad orra lem planaichean son siostam nan sochairean sòisealta atharrachadh ged a bhòt Taigh nam Morairean nan aghaidh a-raoir. Tha Riaghaltas na co-bhonntachd ag iarraidh crìoch aig sia thar fhichead mìle not sa bhliadhna a chuir air na gheibh aon teaghlach de shochairean agus gum biodh sochairean chloinne a-measg sin. Bhòt Taigh na Morairean son sochairean chloinne fhàgail a-mach às a' bhile.

Faraidhean

Chuir Comhairle nan Eilean Siar taic ri buidheann iomairt de chòrr 's dà fhichead còmpanaidh ionadail a tha a' cur an aghaidh planaichean Riaghaltas na h-Alba son sgeama RET a thoirt air falbh bho làraidhean-bathair dhan na h-Eileanan. Tha a' bhuidheann ag ràdh gum faodadh faraidhean còrr 's dùblachadh agus gun toireadh sin droch bhuaidh air a h-uile teaghlach agus gnìomhachas sna h-Eileanan.

Iorac

Chaidh trì duine deug a mharbhadh ann an sreath bhomaichean càr ann am Baghdad, am prìomh bhaile ann an Iorac agus chaidh còrr 's trì fichead 's deichnear a leòn. Tha foirneart a' tòiseachadh às ùr le eas-aonta eadar an Riaghaltas Shia agus buidheann phoileataigeach Sunni.

Bàs

Theid oidhirp eile a dhèanamh ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air an lagh atharrachadh gus am bi e laghail cuideachadh gu bàs a thoirt do dhuine air am bheil tinneas nach gabh leigheas. Tha am ball neo-eisimeileach, Margo Dhòmhnallach, den bheachd gu bheil taic ann son sin ged nach do shoirbhich le bhòt air a' chuspair ron an seo anns an Dùbhlachd ann an 2010.

SAC

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gun do Rinn Dualchas Nàdair na h-Alba mearachd bhunaiteach gun coimhead air làraich eile ach Caolas Bharraigh nuair a bha iad a' beachdachadh air sgìre ghlèidhte SAC a stèidheachadh. Tha a' Chomhairle ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba cuir às dhan phlana uile gu lèir oir gun dèanadh e droch mhilleadh air eaconamaidh na sgìre.