Sgiobair ùr aig sgioba iomain an Eilein Sgitheanaich

Bidh Jonathon Shockie MacIlllinnein na sgioabir air sgioba iomain an Eilean Sgitheanaich son seasain 2012.

Bha Shockie MacIlllinnein a tha air cluiche do dh'Alba aig ìre òigridh na leas-sgiobairair an sgioba an-uiridh, is tha e air a bhith na phàirt cudromach den sgioba on a chluich e sa bhuidhinn a bhuannaich Cupa a' Bhaile Mhòir ann an 2008.

'S urrainn dha cluich san dà chuid an loidhne dìon neo am meadhan na pàirce.

Bidh e os cionn na sgioba son a' chiad uair nuair a chluicheas an t-Eilean Sgitheanach ann an Cupa Cuimhneachaidh Sheòras Mhichie an aghaidh na sgioba a bhuannaich an lìog agus Cupa na Camanachd an-uiridh, Baile Ùr an t-Sleibh air an 11mh den Ghearran.

An uairsin 's ann a bhios aire a' tionndaidh chun na lìog is an t-Eilean Sgitheanach a' feuchainn ri dèanamh nas fheàrr am bliadhna na rinn iad an-uiridh.

Chrìochnaich iad san 6mh àite a-mach a 8 sa chiad lìog aig tuath.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile