BBC Naidheachdan

Gearanan mu chosgaisean Argos ùir an Steòrnabhagh

Published
media captionDraghan mu chosgaisean Argos
Tha gearanan air togail ceann mu cho àrd sa tha na cosgaisean a tha an luib a bhith a' ceannach cuid a stuth aig bùth ùr Argos ann an Steòrnabhagh.
A rèir cuid chaidh iarraidh orra faisg air leth-cheud not a phàigheadh airson stuth a thoirt a-nall bho thìr-mòr.
Seo nuair nach eil e ri fhaighinn anns a' bhùth air an là sin fhèin.
Thuirt Argos gu bheil na cosgaisean cho àrd air sgàth 's cho daor sa tha e bathar a ghiulain a Leòdhas.
Dh'fhosgladh a' bhùth ùr aig Argos ann an Steòrnabhagh Disathairne sa chaidh.

Mì-thoilichte

Nochd gearanan bhon uairsin bho dhaoine a bha a' feuchainn ri rudan mòra a cheannach.
Chaidh innse dhaibh gum biodh aca ri £48.95 a phàigheadh airson stuth a thoirt a Steòrnabhagh.
Thuirt Argos gur e an aon chosgais a bhiodh ann airson aon rud neo 100 rud.
Tha Terri NicFhearghais am measg an fheadhainn a tha mì-thoilichte.
Dh'fheuch ise ri sèithear a cheannach agus chaidh innse dhith mun chosgais a bharrachd
"Bha an sèithear a' dol a chosg £99, so bhiodh agam ris an dàrna leth den phrìs a phàigheadh na luach an t-sèitheir mar sin cha robh e a' dèanamh ciall sam bith agus bha agam ri coiseachd a-mach.
Thuirt neach-labhairt Argos gu bheil cosgais eadar-dhealaichte a' bualadh air rudan mòra a dh'fheumas iad a ghiulain bho thìr-mòr.
"Tha seo ri linn chosgaisean a bharrachd airson na rudan mòra seo a ghiulain dhan luchd-ceannachd agus gur e £48.95 an cosgais airson sin, agus nach eil diofar ann mu cia mheud rud a thathar ag iarraidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Fearg sna h-eileanan mu chall RET do làraidhean bathair