Mapaichean
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fèill mhòr air mapaichean pàipeir fhathast

24 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

A dh'aindeoin an adhartais a tha air a bhith ann an teicneòlas, tha e coltach gu bheil luchd-coiseachd is sreap fhathast gu math dèidheil air mapaichean pàipeir OS.

Tha mu dhà gu leth millean map ga reic gach bliadhna. Ach dè cho fad sa mhaireas sin?

A rèir cuid gheibhear an aon sheòrsa fiosrachaidh tro mhapaichean GPS, agus an ceann ùine cha bhi feum air pàipear.