Coinneamh son luchd-bathair ri ministear riaghaltais
- Published
Dh'aontaich Ministear na Còmhdhail, Cè Brown, coinneachadh ri luchd-bathair sna h-Eileanan Siar a tha draghail gun caill iad faraidhean RET.
As aonais RET, tha iad ag ràdh gun rachadh faraidhean suas 175%.
Tha dà fhichead companaidh air a dhol an sàs ann an iomairt.
Thèid a' coinneamh sin a chumail ann an Dùn Èideann - ann an Taigh Naoimh Anndra - air 7mh là den ath mhìos.
Tha ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil e fhèin agus Riaghaltas na h-Alba ag èisteachd ris na draghan a th'air luchd-gnothachais.
Draghan
Choinnich am ball-pàrlamaid ri luchd-bathair agus companaidhean eile na bu thràithe air a' mhìos seo.
Ach tha càthraiche, Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil ag ràdh nach robhar a' gabhail feart air na draghan a bhathas a' togail mu na h-atharraichidhean aig a' choinneimh sin.
Tha Maighstear Allan a' dol as aicheadh nan casaidean sin, 's e ag ràdh gu bheil e air a bhith a' coinneachadh ri luchd-bathair mun ghnothach.
"Tha mise a' putadh gum biodh an lùghdachadh a' dol dhan a h-uile companaidh agus tha mise a' bruidhinn ris an riaghaltas mu dheidhinn sin.
"Ach cuideachd, tha mi a' bruidhinn ris an riaghaltas mu dheidhinn nam beachdan aig an luchd-bathair, gu math làidir gu bheil iad ag iarraidh RET a chumail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 24 Am Faoilleach 2012