Alasdair Allan BPA
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Coinneamh ri ministear airson luchd-bathair

25 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gu bheil e fhèin agus Riaghaltas na h-Alba ag èisteachd ris na draghan a th'air luchd-gnothachais sna h-Eileanan an Iar mu atharraichidhean air siostam RET do luchd-giulain a' bhathair.

Bha Mgr Allan a' bruidhinn as dèidh do chàthraiche, Stòras Uibhist, Aonghas MacIlleMhaoil, a ràdh nach robhar a' gabhail feart air na draghan a bhathas a' togail mu na h-atharraichidhean aig coinneimh le luchd-bathair air an t-seachdain seo chaidh.