Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

26 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Danaidh Alexander, gu bheil còmhradh feumail a' dol air adhart eadar Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mun dòigh san tèid referendum air neo-eisimeileachd a chuir air dòigh. Ach tha Mgr Alexander a' ceasnachadh cho fad' 's a bheir e mus bi an referendum ann, as t-Fhoghar ann an 2014. Dh'fhoillsich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, an dè, conaltradh an SNP air referendum a bhios a' dol air adhart chun 11mh den Chèitean.

Pàigheadh ìosal

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear, Nick Clegg, gu bheil Riaghaltas na co-bhanntachd ag amas air daoine air pàigheadh ìosal agus meadhanach a chuideachadh le gearradh air ais, nas luaithe na bha dùil, air an t-suim a tha iad a' pàigheadh ann an cìs teachd a-steach. Bha am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, air gealltainn ron a seo, nach biodh duine, ro 2015, a' pàigheadh cìs air a' chiad £10 000 den cosnadh aca.

PIP

Chaidh am fear a chuir a' chompanaidh Fhrangach PIP air bhonn a chur an greim. Sin a' chompanaidh a tha aig meadhan sgainneil mu implants broillich. Tha Jean-Claude Mas an greim fo chasaidean foill agus marbhadh le coire. Chaidh iarraidh air mìltean bhoireannach air feadh an t-saoghail na h-implants seo a thoirt asta agus dragh ann mu shlàinte leis gu bheil silicone annta nach eil freagarrach air adhbharan medigeach.

Astàilia

B'fheudar do phoilis ann an Astràilia cobhair a dhèanamh air a' Phrìomh Mhinistear, Julia Gillard, agus ceannard na partaidh dubhlanaich nuair a thug buidheann de chòrr's 200 duine an aghaidh orra ann an taigh-bìdh ann an Canberra. Bha a' bhuidheann a' togail fianais agus iad ag iarraidh chòirichean nas fheàrr do thùsanaich.

Sgoil Ghàidhlig

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nis a' coimhead air bun-sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh ann an Ostail Eilginn ri taobh na h-Àrd Sgoile ann am Port Rìgh neo air làrach ostail nan nighean sa bhaile. Thèid iarraidh air Comataidh an Fhoghlaim air an ath mhìos cead a thoirt do sgrùdadh air na làraich sin ged nach eil e follaiseach cò às a thigeadh an t-airgead son sgoil ùir.

Tuathanas-èisg connspaideach

Tha dragh as ùr sna Hearadh an dèidh do chòmpanaidh thuathanas èisg cead dealbhachaidh iarraidh. Tha Companaidh Bradain na h-Alba airson leudachadh air an tuathanas ann am Plòcrapal air taobh sear an eilein ach tha dragh ann mun bhuaidh a bheireadh sin air an iasgach san sgìre.